Coimiseanadh tro mheadhan na GĂ idhlig
Ăs Ăr | GAIRM AIRSON LUCHD-CRUTHACHAIDH DIDSEATACH
An tusa an ath Amelia Dimoldenberg? Bheil thu ri cleas mar na Sidemen? Bheil thu cho èibhinn ri whatsername1.0? Nas cudromaiche buileach, an urrainn dhut a dhèanamh le guth là idir, fÏor Gà idhlig?
Tha MG ALBA aâ sireadh ghuthan Ăšra dĂ na, beachdan Ăšra agus tĂ lant Ăšr sa GhĂ idhlig.
Carson? Tha sinn airson luchd-cruthachaidh GĂ idhlig Ăšra agus iadsan a tha aâ tighinn am bĂ rr Ă rach, an cuideachadh gus ceangal a dhèanamh ri chèile, agus ar luchd-cleachdaidh òg a leasachadh thar Ăšrlaran didseatach.
Ma tha thu cruthachail, là n tarraing pearsa agus ma tha sgeulachdan agad a tha Gà idheil òga airson a chluinntinn, tha sinn airson cluinntinn bhuat.
Na tha ri thabhann
Thèid suas ri 20 luchd-cruthachaidh a thaghadh a thighinn còmhla rinn gus leasachadh bheachdan cruinn còmhla + cothrom taisbeanaidh ann an dà à ite ann an Alba, far am faigh thu:
⢠BĂšthan-obrach practaigeach air an dealbhadh gus do chuideachadh le bhith aâ leasachadh do bheachd agus do thaisbeanadh
⢠Cothrom ceangail ri luchd-cruthachaidh Gà idhlig eile bho air feadh Alba
⢠An cothrom do bheachd a thaisbeanadh air beulaibh pannal de phroifeiseantaich gnÏomhachais
Ăs an sin, thèid còignear luchd-cruthachaidh sònraichte a thaghadh airson pĂŹosan coimiseanaichte, nam measg:
⢠Meantoradh bho phroifeiseantaich gnÏomhachais
⢠BÚthan-obrach trèanaidh
⢠Buidseat riochdachaidh
⢠Sgaoileadh air Úrlaran BBC ALBA, no Úrlaran didseatach eile
Na tha sinn aâ sireadh
Tha sinn ag iarraidh bheachdan a tha aâ faireachdainn Ăšr, co-aimsireil agus gun teagamh GĂ idhlig - susbaint a bhruidhneas gu dĂŹreach ri GĂ idheil òga, ach aig a bheil an spionnadh a dhol nas fhaide na an luchd-cleachdaidh sin cuideachd.
Faodaidh beachdan susbaint a bhith nan tachartasan aon-uaire, no sreath a tha gu nĂ darrach aâ suidhe air YouTube NO TikTok / Instagram / YouTube Shorts.
Dhâfhaodadh do bheachd a bhith:
⢠Comadaidh âLo-fi', a tha fĂŹor didseatach. Smaoinich air leithid Michael Aldag ; Short Stuff
⢠PÏosan fÏrinneach a tha ag amas air òigridh. Smaoinich air leithid A view from the bridge ; Meditations of an anxious mind ; Saith tip Nick i ddysgu Cymraeg! Seven controversial tips to help you learn Welsh
⢠Susbaint dòigh-beatha agus ealain, le pearsantachd agus tà lant, leithid Caroline McQuistin ; Homophobia in 2018 | Time for Love ; Travelling Solo: Van Life in Scotland
⢠Dibhearsain spòrsail goirid, leithid Weather forecast with a Twist ; Marjolein Robertson ; Beadai
Cruth
⢠Fad: a rèir feumalachdan an Úrlair / sgeulachd
⢠Fà ilte air a h-uile gnè
⢠Ărlaran / Cruth: YouTube (16:9) NO TikTok / Instagram / YouTube Shorts (9:16)
⢠Feumaidh beachdan a bhith tarraingeach do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na GĂ idhlig eadar 18â35 bliadhna a dh'aois, agus iomadachd cultar na GĂ idhlig a thaisbeanadh
⢠Bidh am buidseat stèidhichte air beachdan
Cò as urrainn tagradh a dhèanamh
Tha an cothrom seo fosgailte do:
⢠Aois 18+
⢠Luchd-labhairt na Gà idhlig - bho luchd-ionnsachaidh gu luchd-labhairt fileanta
⢠Stèidhichte ann an Alba, le còir obrach
⢠Comasach air eòlas air an sgrion a shealltainn, m.e. air na h-Ăšrlaran meadhanan sòisealta agad fhèin, no le bhith aâ cur test tape thugainn.
Ma tha rudeigin agad ri rà dh sa Ghà idhlig agus an cruthachalachd airson a rà dh nad dhòigh fhèin, tha sinn airson cluinntinn bhuat.
Mar a chuireas tu a-steach iarrtas
1. Cruthaich do SMASH Pitch an-asgaidh aig app.mysmash.media
2. Tog do Snapshot aâ cleachdadh nan eileamaidean riatanach gu h-ĂŹosal
3. BrĂšth air âShare Projectâ agus tagh BBC ALBA air duilleag Call Out
4. Cuir a-steach ro 23 Faoilleach 2026
Na dhâfheumas tu na do phitch SMASH
Feumaidh na leanas a bhith san tagradh agad:
⢠Logline
⢠Cruth, gnè, suidheachadh agus fad
⢠Bio goirid agus eisimpleirean de dhâobair a rinn thu roimhe
⢠Geà rr-chunntas air do bheachd
⢠Sealladh cruthachail â carson seo, carson an-drĂ sta, carson thusa
⢠Iomradh air dealbhan & stoidhle (Le eisimpleir thumbnail / stoidhle)
Cha tèid gabhail ri tagraidhean aig a bheil na h-eileamaidean seo a dhÏth.
Aâ dĂŹon do IP
Bidh do bheachdan fhathast leatsa. Bidh SMASH gu fèin-obrachail aâ cur stampa-ama air agus aâ stòradh gu tèarainte a h-uile rud a luchdaicheas tu suas, aâ toirt dhut clĂ r didseatach dearbhte de shealbh. Chan eil do phitch air a cho-roinn ach nuair a thaghas tu, leis na daoine a thaghas tu. Is e seo Pitch Protection - gus an urrainn dhut an obair agad a cho-roinn le misneachd.
PrĂŹomh chinn-latha
⢠Ceann-latha airson tagraidhean: 23 Faoilleach 2026
⢠Geà rr-liosta air ainmeachadh: 6 Gearran 2026
⢠BÚth-obrach air Tairgsean (Riatanach do luchd-cruthachaidh air geà rr-liosta)
a. Glaschu: 18 Gearran 2026
b. Steòrnabhagh: 20 Gearran 2026
⢠Tairgse Beò: Air latha aâ bhĂšth-obrach air Tairgsean
⢠Ăite: Alba
Teirmichean & Cumhaichean
⢠Ma thèid do choimiseanadh, tha thu ag aontachadh a bhith an là thair aig bÚthan-obrach trèanaidh buntainneach (suas ri 5 latha)
⢠Ma thèid do choimiseanadh, thathar an dÚil gun cÚm thu ri poileasaidhean BBC & MG ALBA (fo stiÚireadh am Meantor)
⢠Ma thèid do choimiseanadh, tha thu ag aontachadh innse sa bhad mu rud sam bith a dhâfhaodadh tu a bhith air a dhèanamh san Ă m a dhâfhalbh no an-drĂ sta a dhâfhaodadh droch chliĂš a thoirt air aâ BhBC
⢠Gheibh thu coidseadh + taic tron riochdachadh
⢠Bidh bĂšthan-obrach trèanaidh aâ ruith eadar aâ Ghearrain agus aâ Chèitein
⢠Bidh an Ăšine riochdachaidh eadar aâ Chèitein agus na Sultaine
⢠Bidh an ĂŹre coimisein eadar ÂŁ300 - ÂŁ800 gach pĂŹos, a rèir aâ bheachd + an raoin
CUAIRT COIMISEANAIDH BBC ALBA, FOGHAR 2025
Tha BBC ALBA ag amas air stuthan a lÏbhrigeadh a tha freumhaichte, fiosrachail agus ris am faodar ceangal a dhèanamh. Agus tha sinn amasach, le sealladh farsaing airson ar cà nan agus ar cultar a thaisbeanadh gu h-eadar-nà iseanta.
Tha sinn a' sireadh mholaidhean dà na airson prògraman aithriseach a bhios comasach air luchd-amhairc farsaing a thà ladh, a thuilleadh air beachdan cruthachail a dh'fhaodadh aithne is cliÚ a chosnadh don t-seanail.
PRĂOMHACHASAN COIMISEANAIDH
- Tha sinn a' sireadh susbaint aithriseach a bheir buaidh. Tha fà ilte ro phrògraman le caractaran is sgeulachdan là idir a tha freumhaichte ann am beatha an latha an-diugh.
- Beachdaichidh sinn air sreathan cur-seachad a tha air a bhith soirbheachail le luchd-cleachdaidh cheana.
- Tha sinn a' sireadh bheachdan a bhios tarraingeach do luchd cleachdaidh aois 18-35.
- Chan eil sinn a' sireadh chuspairean eachdraidheil ach beachdaichidh sinn air sgeulachdan ceangailte ri spòrs bho na deicheadan a dh'fhalbh; no sgeulachdan le ceangal co-aimsireil, dòigh-obrach Úr-ghnà thach, no aig a bheil ceangal dearbhte le craolaidear(an) eile.
- Chan eil sinn a' sireadh thagraidhean mu thachartasan ciÚil ach beachdaichidh sinn air prògraman aithriseach ciÚil.
- Ged nach eil co-mhaoineachadh riatanach chuireadh sinn fĂ ilte air beachdan le ceangal maoineachaidh ri craoladairean/maoineadairean eile.
PRĂOMHACHASAN CLĂIR
- Tha a' chuairt seo airson susbaint a thèid a lÏbhrigeadh do chlà r 2026, iPlayer agus YouTube BBC ALBA.
- Tha sinn a' sireadh susbaint sònraichte, tarraingeach a sheasas a-mach an dà chuid aig prÏomh amannan anns a' chlà r loidhneach, agus air iPlayer.
- Tha fà ilte ro bheachdan airson sreathan a thèid am foillseachadh air iPlayer agus YouTube BBC ALBA an toiseachd. Bu chòir rudeigin sònraichte a bhith aig cridhe molaidhean iPlayer agus YouTube gus am bi luchd-amhairc air am beò-ghlacadh bhon fhÏor thoiseach. Bu chòir prògraman a bhith sgiobalta, dà na, dathte agus eirmseach. Bu chòir dhaibh a bhith comasach air a bhith air an deasachadh a' cleachdadh modhan lÏbhrigidh didseatach.
DREACHAN AGUS FAID
- Beachdaichidh sinn air molaidhean airson prògraman aithriseach fa-leth agus sreathan goirid.
- Bidh sinn sÚbailte a thaobh faid a rèir a' bheachd fhèin.
- Beachdaichidh sinn air prògraman nas fhaide aithriseach a dh'fhaodadh a bhith air an taisbeanadh ann an taighean-dheilbh mus nochd iad air TBh âloidhneach. Thathas an dĂšil gun tig prògraman aithriseach fada le co-mhaoineachadh no gum bi plana ionmhais co-mhaoineachaidh nan cois.
CO-MHAOINEACHADH
Thèid prÏomhachas a thoirt do bheachdan a bheir aire do thuilleadh maoineachaidh bho leithid:
- Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail
https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen
- Creideasan CĂŹse BFI
https://www.bfi.org.uk/supporting-uk-film/british-certification-tax-relief
TAGRAIDHEAN
Bu chòir do thagraidhean a bhith mu dhuilleag no dhà (aig a' char as fhaide) agus feumar iomradh a thoirt air na leanas:
- Tiotal a' phrògraim. Bu chòir seo a bhith goirid, soilleir is tarraingeach do dhaoine a' coimhead air iPlayer; facail a sheasas a-mach agus a ghlacas brÏgh cuspair a' phrògraim. Feuch an toir thu seachad ainm Gà idhlig is Beurla.
- Cruth. An à ireamh de phrògraman agus am faid.
- Luchd-amhairc air a bheileas ag amas. Dè an seòrsa sluaigh air a bheil am prògram ag amas?
- Buidseat. Cosgais gach prògram agus/no an t-sreath slà n (mar a bhios iomchaidh).
- Geà rr-chunntas. Beachd a' phrògraim gu sgiobalta.
- Susbaint. Geà rr-chunntas den sgeulachd, le fiosrachadh mu na prÏomh dhaoine a bhios air an sgrion (le cothrom am faicinn air bhidio goirid ma tha sin comasach), an dòigh-obrach agus an stoidhle cruthachail. Mas e sreath a th' ann, innis dhuinn dè tha tarraingeach mu dheidhinn agus dè bheireadh air an luchd-amhairc tilleadh airson barrachd.
- Dearbhadh. Feumar dearbhadh fhaicinn air aonta bho na daoine, an sgeulachd air a neo an là rach air a bheil an sgeulachd stèidhichte. Feumaidh seo a bhith stèidhichte air còmhraidhean agus chan ann air beachd.
- Dreach dealbh son iPlayer. Rudeigin tarraingeach agus grafaigeach; ciamar a ghlacas sĂšil an neach-coimhid agus am brosnachadh gus coimhead?
- DhĂ no trĂŹ ĂŹomhaighean lĂ idir
- PrĂŹomh sgioba far-sgrion
- Meadhanan didseatach. Iomradh air planaichean didseatach is sòisealta. Innis dè bhios an cois a' bheachd a thaobh susbaint taic didseatach m.e. reels, mÏrean goirid, msaa. Ciamar a bheir seo taic don bheachd air a neo bheil e mar susbaint a bharrachd agus fa-leth.
- Beachd air cothroman margaidheachd
Dèanaibh cinnteach gu bheil na h-eileamaidean riatanach seo uile anns an tagradh agaibh.
Cuiridh sinn fĂ ilte air blasad den bheachd fhaicinn air bhidio goirid ged nach eil seo riatanach. Ach, ma tha daoine nach eil air nochdadh anns na meadhanan roimhe an sĂ s tha ro-shealladh air bhidio deatamach.
Feuch nach cuir sibh ainmean dhaoine ri na tagraidhean mura deach bruidhinn riutha agus gun do sheall iad Ăšidh ro-lĂ imh.
DEITICHEAN AIRSON TAGRAICHEAN
Ceann-latha airson beachdan: Diluain 29 Sultain, 5f
Aon uair 's gu bheil na tagraidhean uile aig an Sgioba Coimiseanaidh, thèid breithneachadh orra gu mionaideach agus thèid geà rr-liosta a dhèanamh de na beachdan a thathar a' measadh as là idire anns a' chuairt.
Thèid coinneamh a thabhainn an uair sin le Riochdairean gus bruidhinn air na pròiseactan air a' gheà rr-liosta. 'S e cothrom a bhios an seo sgrÚdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.
Tha sinn an dÚil coinneachadh le Riochdairean aghaidh ri aghaidh aig Cidhe a' Chuain Shèimh ann an Glaschu no air loidhne air 9 / 10 Dà mhair agus air 20 / 21 Dà mhair.
Ăs dèidh nan coinneamhan seo, bidh sinn ag amas air fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhĂšnaidhean coimiseanaidh air 31 DĂ mhair.
Bu chòir tagraidhean agus ceistean sam bith mu rud sam bith sa Chuairt Coimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: bbcalbacommissioning@bbc.co.uk
Cò Sinn?
- Ceannard Craoladh GĂ idhlig & Caidreachas: Mairead Mairi Mhoireach
- StiĂširiche Leasachadh Susbaint: Mairead Chamshron
- Deasaiche Coimiseanaidh: Uilleam MacLeòid
- Neach-coimiseanaidh: Fiona NicChoinnich
- Neach-coimiseanaidh: Calum McConnell