Notaichean Tidseir

Sinne: Daoine, dùthchannan agus dòigh-beatha

Tha an làrach seo ag amas air clann òga a tha ag obair a dh'ionnsaigh a' chiad is an dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais ged a tha cuid de na bhidiothan freagarrach airson na treas ìre cuideachd. A bharrachd air an seo, dh'fhaodadh cothroman a bhith ann son luchd-ionnsachaidh na h-àrd sgoile an sgilean Gàidhlig a leasachadh.

Tha fiosrachadh na làraich stèidhchte air sia cuspairean farsaing:

Còmhdhail, Ath-chuairteachadh, Tuineachadh, Biadh, Turasachd agus Crìochan.

'S ann tro bhidiothan agus earrannan èisteachd nan cuspairean seo a gheibhear an cothrom:

An Dèideag Bhidio

Tha dèideag bhidio air an làraich a bheir don neach-ionnsachaidh earrannan bhidio bho na goireasan bhidio san sgrùdadh. An uair sin faodaidh iad ceòl agus fo-thiotalan a chur ris a' bhidio agus a chluich. Chaidh an gnìomh a dhealbh gus cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh le diofar ìrean comais agus roghainn obrachaidh.

An Iris

'S e prògram foillseachaidh mullach-deasga a th' anns an Iris. Bheir e cothrom don neach-ionnsachaidh duilleag iris, postair no pròiseact a chruthachadh mu chuspair sam bith bhon sgrùdadh air a bheil iad a' meòrachadh.

A' sàbhaladh obair

Is urrainn do neach obair bhon dèideag-bhidio no bhon Iris a shàbhaladh. Cha bhi an obair air a shàbhaladh ach air a' choimpiutair far an do shàbhail iad e agus is ann dìreach bhon inneal sin a thèid aca air fhaicinn a-rithist. Ma tha tòrr phìosan mòra de dh'obair air a shàbhaladh air an aon choimpiutair, dh'fhaodadh bogsa a thighinn air an sgrion a' faighneach don luchd-cleachdaidh a bheilear ag iarraidh barrachd cuimhne air a' choimpiutair. Feumaidh luchd-cleachdaidh aontachadh ri seo mus tèid aca air obair a bharrachd a shàbhaladh.

Roghainnean

Faodaidh luchd-cleachdaidh am putan roghainnean a bhruthadh airson:

Dh'fhaodar am meur-chlàr a chleachdadh airson gluasad tro stuthan.

Tha fiosrachadh agus clàr mu gach cuspair air a dhealbh gus sealltainn mar tha an goireas na thaic gus builean a' Churraicealaim airson Sàr-mhathais a choileanadh. Aig deireadh nan notaichean, gheibhear abairtean farsaing co-cheangailte ri na cuspairean. Dh'fhaodadh gum bi iad feumail nuair a thathar a' planadh mar a chleachdar an goireas seo airson ionnsachadh is teagasg a bhrosnachadh. Chan eil annta ach toiseach tòiseachaidh. Bidh cothroman eile ann cuideachd a rèir 's mar a thathar airson an goireas a chleachdadh.

Crìochan

Tha an sgrùdadh seo a' rannsachadh nan diofar sheòrsachan chrìochan a tha anns an t-saoghal, bho chrìochan ionadail a tha a' sgaradh cheàrnaidhean gu crìochan nàiseanta a tha a' cur rìoghachdan air leth bho chèile. Tha an sgrùdadh a' rannsachadh mar a dh'fhaodadh crìochan a bhith a' cuideachadh ann a bhith a' tuigsinn barrachd mu chànan agus fèin-aithneachadh - na tha gar dèanamh eadar-dhealaichte bho chèile.

Tha an sgrùdadh stèidhichte anns a' Phòlainn, dùthaich a tha air ballrachd fhaighinn san Aonadh Eòrpach agus a dh'fheumas ath-mheasadh a dhèanamh air a crìochan fhèin.

Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid anns an sgrùdadh agus gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air na h-ìomhaighean san àrainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar chrìochan agus tha iad air an lìbhrigeadh le daoine òga às a' Phòlainn.

Tha cuspairean ris am bheilear a' coimhead anns na bhidiothan a tha seo a' gabhail a-steach:

Eisimpleir de bhaile air a sgaradh ann an dà leth le crìoch nàiseanta. Tha leth den bhaile sa Phòlainn agus an leth eile ann am Poblachd nan Seic.

Eisimpleirean de sheann chrìochan nàiseanta nach eilear a' cleachdadh airson dearbhadh gun urrainn do chrìochan a bhith ag atharrachadh rè ùine.

Eisimpleir de chrìoch ionadail a tha a' cur air leth dà choimhearsnachd a tha ri taobh a chèile ach a tha eadar-dhealaichte.

A' rannsachadh mar a tha crìochan a' cuideachadh ann a bhith a' sònrachadh cànan agus cultar.

Tha cruinneachadh eile ann de thrì bhidiothan goirid a tha a' toirt eisimpleirean bho air feadh an t-saoghail de dhiofar sheòrsachan chrìochan. Tha iad air an dealbh gus beachd nas fharsaing a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.

CUSPAIRBHIDIOTHANCOTHROMAN ÈUSTEACHD
Crìochan
  • Thig agus faigh a-mach tuilleadh mu chrìochan air feadh an t-saoghail
  • Crìochan nàdarra mar beanntan 's aibhnichean agus crìochan poilitigeach, crìochan nàiseanta agus crìochan ionadail. Sùil air adhbharan feumail airson crìochan - gar cuideachadh a' tuigsinn cò sinn is mar a tha sinn eadar-dhealaichte bho dhaoine eile; cànanan agus cleachdaidhean

  • Thig agus faigh a-mach tuilleadh mu chrìochan air am bi sinn uile a' dol tarsainn tric
  • An EU. A' Phòlainn a-nis mar phàirt den EU agus a' bhuaidh a tha aige seo air an dùthaich

  • Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas riut anns a' Phòlainn
  • Cuid de na buannachdan a tha an lùib a bhith mar phàirt den EU

  • Faigh a-mach tuilleadh mu chrìoch bhaile anns a' Phòlainn
  • Sùil air Cieszyn anns a' Phòlainn a tha air a' chrìoch le Poblachd nan Seic. Tha aon phàirt dheth sa Phòlainn is a phàirt eile ann am Poblachd nan Seic.

  • Faigh a-mach tuilleadh mun chrìoch ann an Cieszyn
  • Barrachd fiosrachaidh mu bhaile Ciesnyn agus na tha an lùib a bhith a' tadhal air Poblachd nan Seic às an sin

  • Faigh a-mach tuilleadh mu eachdraidh agus crìochan na Pòlainn
  • A' coimhead air Zabrze. Sgeulachd inntinneach Zabrze a thaobh a chrìochan - air a sgaradh ann an dà leth, leth den bhaile sa Ghearmailt agus an leth eile sa Phòlainn

  • Thig agus faigh a-mach mu chrìoch ionadail a tha a' roinn dà bhaile glè eadar-dhealaichte
  • Sùil air dà bhaile a tha air an sgaradh le drochaid agus far nach eil na daoine a' faighinn air adhart

  • Faigh a-mach tuilleadh mu chànan na Pòlainn
  • An cànan Polski agus cànanan cudromach eile san Aonadh Eòrpach

  • Faigh a-mach tuilleadh mu sheann chrìochan bho eachdraidh na Pòlainn
  • Mar is urrainn do chrìochan atharrachadh agus gur ann as dèidh an dàrna cogaidh a-nochd a' Phòlainn mar a tha i an-diugh

  • Coimhead na bhidiothan seo agus faigh a-mach tuilleadh mu chrìochan eile air feadh an t-saoghail
  • Bhidio 1 - Crìoch eadar na Stàitean Aonaichte agus Meagsaco, a' chrìoch eadar-nàiseanta as motha air am bheil daoine a' dol tarsainn. Cuid a' gluasad gu laghail agus cuid eile gu mì-laghail. Sùil air trioblaidean muinntir Mheagsaco
  • Bhidio 2 - Sùil air Cìoprais, far a' bheil crìochan taobh a-staigh na dùthcha fhèin le ceanglaichean làidir ris an Tuirc no ris a' Ghrèig
  • Bhidio 3 - Thig agus faigh a-mach tuilleadh mu na dùthchannan Basgach far a bheil crìochan nàdarra ann le beanntan agus far a bheil cultar eadar-dhealaichte air èirigh

Cluinn tuilleadh mun Phòlainn agus a crìochan bho Phòlainneach (airson EU)

Cluinn tuilleadh mun Phòlainn (an aghaidh EU)

Thig gu crìoch ann an Zabrze agus cluinn tuilleadh mu chrìochan coimhearsneachd

Thig a Cieszyn agus cluinn beachd aon de mhuinntir an àite air crìochan

Thig a Cieszyn agus cluinn beachdan eile bho mhuinntir an àite mu chrìochan

Còmhdhail

Tha an sgrùdadh a' rannsachadh chuspairean co-cheangailte ri bhith a' giùlain dhaoine agus stuth.

Tha an sgrùdadh stèidhichte ann an Alba agus tha e a' coimhead ri cuspairean co-cheangailte ri còmhdhail air eileanan iomallach. 'S iad na h-eileanan a tha san sgrùdadh: an t-Eilean Sgitheanach, Barraigh, Beinn na Fadhla, Èirisgeigh agus Uibhist a Tuath.

Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid anns an rannsachadh agus gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air na h-ìomhaighean. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar sheòrsa de chòmhdhail agus tha iad air an lìbhrigeadh le sgoilearan. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio agus faodar an cur dheth no air.

Tha na cuspairean ris a bheilear a' coimhead a' gabhail a-steach:

Tha cuideachd cruinneachadh de bhidiothan goirid ann a tha a' toirt eisimpleirean de dhiofar sheòrsaichean còmhdhail a tha rim faotainn air feadh an t-saoghail. Tha seo gus dealbh nas fharsainge a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.

CUSPAIRBHIDIOTHAN COTHROMAN ÈISTEACHD
Còmhdhail

Faigh a-mach mu chòmhdhail air feadh an t-saoghail Diofar sheòrsaichean còmhdhal le beachdan mu bhuannachdan agus cnapan-starraidh

Faigh a-mach tuilleadh mu chòmhdhail anns na h-Eileanan Siar Seallaidhean nan eilean agus na h-àrainneachd

Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu anns na h-Eileanan Siar Diofar sheòrsaichean còmhdhal a tha muinntir an àite a' cleachdadh.

Faigh a-mach mun drochaid dhan Eilean Sgitheanach Fiosrachadh mun drochaid, cìsean agus aiseigean.

Faigh a-mach mu chòmhdhail ann an ceàrnaidhean eile den t-saoghal

Bhidio 1: Faigh a-mach mu bhith a' dol dhan sgoil bho Eilean Ulbha

Bhidio 2: Faigh a-mach mun eilean Breatannach Tristan da Cunha

Bhidio 3: Faic mar a dh'atharraich còmhdhail sna h-Eileanan Galapagos

Faic mar a gheibh càraichean tarsainn an uisge ann an Uibhist A' siubhal a Bheinn na Faoghla à Èirisgeigh agus à Uibhist a Tuath

Faigh a-mach mar a bhios parsail air a lìbhrigeadh a Bharraigh:

  • - air plèana
  • - air aiseag

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu Dhrochaid an Èilein Sgitheanaich

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu aiseag an Eilein Sgitheanaich

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu sgèith a Bharraigh

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mun aiseag à Barraigh

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu ròidean Uibhist

Èist ri na th' aig daoine ri ràdh mu chabhsairean Uibhist

Ceanglaichean Curraicealam

Nuair a thathar a' planadh chothroman ionnsachaidh agus a' teagaisg tron ghoireas seo, dh'fhaodadh na cothroman farsaing a leanas a bhith cuideachail. 'S ann bhon churraicealam ùr a thàinig iad. Bheir iad beachdan airson planadh nas mionaidiche a dhèanamh.

Litearrachd agus Gàidhlig
• Communicate, collaborate and build relationships
• Develop my understanding of what is special, vibrant and valuable about my own and other cultures and their languages
• Explore the richness and diversity of language, how it can affect me, and the wide range of ways in which I and others can be creative
• Extend and enrich my vocabulary through listening, talking, watching and reading

Cuspairean Sòisealta
• Broaden my understanding of the world by learning about human activities and achievements in the past and present
• Develop my understanding of my own values, beliefs and cultures and those of others
• Develop my understanding of the principles of democracy and citizenship through experience of critical and independent thinking
• Explore and evaluate different types of sources and evidence
• Learn how to locate, explore and link periods, people and events in time and place
• Learn how to locate, explore and link features and places locally and further afield
• Engage in activities which encourage enterprising attitudes
• Develop an understanding of concepts that stuimulate enterprise and influence business

Teicneòlasan
• Contribute to building a better world by taking responsible, ethical actions to improve my life, the lives of others and the environment
• Become an informed consumer and producer who has an appreciation of the merits and impacts of products and services
• Be capable of making reasoned choices relating to the environment, sustainable development and ethical, economic and cultural issues

Saidheans
• Develop curiosity and understanding of the environment and my place in the living, material and physical world
• Develop an understanding of the earth's resources and the need for responsible use of them
• Express opinions and make decisions on social, moral, ethical, economic and environmental issues based upon sound understanding

Eòlas Creideamh agus Moraltachd
• Recognise religion as an important expression of human experience
• Develop respect for others and an understanding of beliefs and practices which are different from my own
• Make a positive difference to the world by putting my beliefs and values into action

Matamataig agus Àireamhachd tar-ionnsachaidh
• Understand that successful independent living requires financial awareness, effective management, using schedules and other related skills

Slàinte agus Sunnd
• Develop my self-awareness, self-worth and respect for others
• Acknowledge diversity and understand that it is everyone's responsibility to challenge discrimination

Biadh

Tha an sgrùdadh mionaideach seo a' rannsachadh chuspairean co-cheangailte ris an t-seòrsa bidhe a tha sinn ag ithe, co às a tha ar biadh a' tighinn agus mar a dh'fhaodadh am biadh a tha sinn ag ithe a bhith ag innse dhuinn mu chultaran agus fèin-aithneachadh.

Tha an sgrùdadh seo stèidhichte ann am Birmingham agus tha e a' sònrachadh iomadachd chultarail nan daoine agus am biadh a tha ri fhaighinn ann.

Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid san sgrùdadh a gheibhear le bhith a' cliogadh air ìomhaighean san àrainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar thaobhan den bhiadh a tha sinn ag ithe.

Tha na cuspairean ris am bheilear a' coimhead a' gabhail a-steach:

Biadh Fairtrade

An seòrsa bidhe a tha fàs gu h-ionadail air lotaichean.

Dè th' ann am margaidhean tuathanaich agus dè a tha a' dèanamh a' bhidhe eadar-dhealaichte bhon bhiadh a thathas a' ceannach anns a' mhòr-bhùth.

Cuairt gu margaidh mhòr airson faicinn dè na dùthchannan às a bheil am biadh againn a' tighinn agus dè cho fad 's a tha aige ri siubhal.

Cuairt gu mòr-bhùth airson faighinn a-mach mar a tha am biadh a tha sinn ag ithe air atharrachadh agus mar a tha seo air a shealltainn anns na seòrsachan bidhe a tha air an reic ann am bùithtean.

Tha cruinneachadh eile ann a tha a' sealltainn trì bhidiothan goirid a tha a' toirt eisimpleirean de bhiadh annasach, mìorbhaileach agus inntinneach. Tha iad seo air an dealbh gus beachd nas fharsainge a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.

CUSPAIRBHIDIOTHANCOTHROMAN ÈISTEACHD
Biadh
  • Faigh a-mach mar a dh'atharraich ar n-iarratasan a thaobh bidhe
  • Atharrachaidhean anns na seòrsaichean bidhe a tha daoine ag ithe an-diugh agus sùil air adhbharan air a shon

  • Faigh a-mach tuilleadh mu bhiadh air feadh an t-saoghail
  • Biadh traidiseanta o air feadh an t-saoghail. Mar a tha biadh a' cur ri ar cultar agus dearbh-aithne nàiseanta. Suidheachaidhean far nach eil gu leòr bidhe aig a h-uile duine. Daoine a' fulang nuair a tha gainnead mhòr bidhe ann, no gorta

  • Faigh a-mach tuilleadh mu biadh san Rìoghachd Aonaichte
  • Ag ithe biadh o dhùthchannan eile a bharrachd air biadh traidiseanta. Sùil air Birmingham, baile làn chultaran agus biadh eadar-dhealaichte

  • Faigh a-mach mu bhiadh Fairtrade
  • Malairt chothromach far a bheil buidhean a' pàigheadh prìs chothromach do na tuathanaich ann an dùthchannan bochda. Ag aithneachadh suaicheantas Fairtrade

  • Faigh a-mach mu co às a tha ar biadh a' tighinn
  • Margaid ann am Birmingham. An seòrsa bidhe a tha ri fhaighinn agus an t-astar a tha cuid den bhiadh air siubhal

  • Faigh a-mach mu mhargaidean thuathanach
  • Tha na tuathanaich a tha a' leasachadh a' bhidhe gu h-ionadail a' tighinn agus a' rèic an stuth aca. A' coimhead air co mu dheidhinn a tha margaidean thuathanach agus dè na buannachdan a tha nan lùib

  • Tadhail air taigh-bidhe lamàcanach agus faigh a-mach tuilleadh mu bhiadh Caribbeanach
  • Biadh Iamàcanach air a chur air dòigh. Callaloo le luinn-iasg agus rus

  • Faigh a-mach mu bhiadh a tha a' fàs air lotaichean
  • Lotaichean Uplands ann am Birmingham. Mar a tha iad ag obair agus na seòrsaichean bidhe a tha air am fàs orra

  • Coimhead na bhidiothan seo agus faigh a-mach mu bhiadh a tha air ithe an ceàrnaidhean eile den t-saoghal
  • Bhidio 1 - Fiosrachadh air mar a tha seòclaid air a dhèanamh agus na h-àitichean far am bi pònair an lus coco a' fàs
  • Bhidio 2 - Na diofar sheòrsaichean bidhe a bhios daoine ag ithe, gu h-àraidh rudan a gheibhear gu nàdarra, leithid bhiastagan agus lusan
  • Bhidio 3 - Mar a tha biadh cudromach aig amannan sònraichte den bhliadhna. Sùil air Fèill Eid a'comharrachadh deireadh Ramadain, Fèill Diwali, àm na Nollaige, àm na Bliadhn' Ùire, a' bhliadhna Ùr Shìonach, Wimbledon, Càrnabhail Notting Hill agus Fèill Tomatina

Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu am Birmingham

Thig agus cluinn dè th' aig clann am Birmingham ri ràdh mu bhiadh

Thig agus cluinn tuilleadh mu na tha aig clann am Birmingham ri ràdh mu bhiadh

Thig agus cluinn tuilleadh bheachdan mun bhiadh a bhios sinn ag ithe

Thig agus cluinn beachdan mu bhiadh à Birmingham

Ath-chuairteachadh

Tha an sgrùdadh seo a' toirt sùil air cuspairean co-cheangailte ri sgudal - lùghdachadh, ath-chleachdadh 's ath-chuairteachadh.

Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid san sgrùdadh agus gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaighean san àrainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri taobh eadar-dhealaichte de sgudal agus ath-chuairteachadh.

Tha na cuspairean sna bhidiothan a' gabhail a-steach:

An uiread de sgudal a tha daoine a' cruthachadh gach bliadhna anns an Rìoghachd Aonaichte.

Na bhios a' tachairt do na nithean a tha sinn a' tilgeil air falbh, a' leantainn stuth bho neach-cleachdaidh gu làrach an sgudail.

Nan rudan a dh'fhaodas a bhith air an ath-chuairteachadh.

Rudan a dh'fhaodar a dhèanamh a thaobh ath-chuairteachaidh.

Tha cruinneachadh eile ann de thrì bhidiothan goirid a tha a' toirt seachad eisimpleirean bho air feadh an t-saoghail de dhiofar sheòrsachan sgudail agus cuspairean ath-chuairteachaidh. Tha iad air an dealbh gus beachd nas fharsaing a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.

CUSPAIR BHIDIOTHAN COTHROMAN ÈISTEACHD
Ath-chuairteachadh
  • Thig agus faigh a-mach tuilleadh mu sgudal agus ath-chuairteachadh air feadh an t-saoghail
  • Mar a thathar a' dèiligeadh ri sgudal

  • Thig agus faigh a-mach tuilleadh mu sgudal agus ath-chuairteachadh an seo san Rìoghachd Aonaichte
  • Na bhios a' tachairt dhan sgudal agus a' bhuaidh a th' aige seo air an àrainneachd

  • Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu an Èirinn a Tuath!
  • Ag ath-chuairteachadh agus ag ath-chleachdadh stuthan

  • Ionnsaich mar a cheannaicheas tu stuthan ath-chuairtichte ann am mòr-bhùth
  • Sùil air dòighean gus lùghdachadh a dhèanamh air na thathar a' caith a-mach

  • Coimhead mar a chruinnich clann-sgoile an Èirinn a Tuath sgudal airson ath-chuairteachadh
  • Ag ath-chleachdadh agus ag ath-chuairteachadh

  • Bhidio 1 - Tha ath-chuairteachadh mar phàirt den chultar ann an Ciùba
  • Bhidio 2 - Na thachras dha na badain a bhios sinn a' tilgeil às
  • Bhidio 3 - Mar a dh'fhaodas sinn còrr bidhe sa ghàrradh ath-chleachdadh

  • Faigh a-mach mu làraich-lìonaidh sgudail
  • Mar a tha làraich-lìonaidh ag obair

  • Faic dè thachras dhan sgudal a bhios sin ag ath-chuairteachadh
  • Na bhios a' tachairt dha stuth a tha sinn ag ath-chuairteachadh

Èist ri beachd chuideigin mu ath-chuairteachadh

Èist ri carson is e beachd chuideigin gu bheil ath-chuairteachadh cudromach

Èist ri carson a tha cuideigin a' smaoineachadh gu bheil ath-chuairteachadh doirbh

Èist ri carson is e beachd chuideigin nach fhaod sinn uiread de stuthan a chleachdadh

Èist ri na th' aig cuideigin ri ràdh mu lùghdachadh sgudail

Èist ri na tha cuideigin a' faicinn dona mu ath-chuairteachadh

Tuineachadh

Tha an sgrùdadh seo a' rannsachadh ceistean ceangailte ri tuineachadh, nan àitean anns a bheil sinn a' fuireach, co ris a tha iad coltach agus mar a tha iad air atharrachadh rè ùine.

Tha an sgrùdadh stèidhichte anns a' Chuimrigh le trì tuineachaidhean eadar-dhealaichte - oighreachd mhòr thaighean ann am Port Talbot, baile turasachd air oirthir Llangrannog, agus eco-coimhearsnachd ann an Siorrachd Pembroke.

Tha cruinneachadh de bhidiothan goirid anns an sgrùdadh a gheibhear le bhith a' cliogadh air na h-ìomhaighean anns an àrainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri pàirt eadar-dhealaichte de thuineachadh agus tha iad air an lìbhrigeadh le sgoilear.

Tha na cuspairean ris a bheilear a' coimhead a' gabhail a-steach:

Eachdraidh Oighreachd Sandfields ann am Port Talbot.

Eachdraidh Llangrannog agus mar a tha e air atharrachadh thar nam bliadhnachan.

Turas agus mìneachadh air co ris a tha e coltach a bhith beò ann an eco-coimhearsnachd far a bheil daoine a' coimhead às an dèidh fhèin.

Tha cruinneachadh eile ann de thrì bhidiothan goirid no barrachd a tha a' toirt seachad eisimpleirean bhon t-saoghal de dhiofar sheòrsachan tuineachaidh. Tha iad air an dealbh airson beachd nas fharsainge a thoirt seachad air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.

CuspairBhidiothanCothroman èisteachd
Tuineachadh
  • Faigh a-mach mar a tha daoine beò air feadh an t-saoghail
  • Diofar sheòrsaichean taigheadais air feadh an t-saoghail

  • Faigh a-mach mu ar dòigh-beatha san Rìoghachd Aonaichte
  • Mar a dh'aithnichear atharrachaidhean ann am bailtean a-rèir nan togalaichean

Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu sa Chuimrigh!

  • Thig a Llangrannog
  • Mar a dh'atharraich Llangrannog, baile mara sa Chuimrìgh, agus a' bhuaidh a bh' aig na h-atharrachaidhean seo air
  • Coimhead air na bhidiothan seo gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu bheatha dhaoine air feadh an t-saoghail
  • Bhidio 1 - Faigh a-mach dè cho iomallach 's a tha Mongòilia
  • Bhidio 2 - Faigh a-mach dè cho trang 's a tha Hong Kong
  • Bhidio 3 - Faigh a-mach tuilleadh mu favelas am Brasil

Thig agus faic co ris a tha e coltach a bhith a' fuireach ann an eco-coimhearsneachd

  • Thig a choinneachadh dithis a tha a' fuireach ann an eco-coimhearsneachd
  • Brithdir Mawr, eco-coimhearsneachd sa Chuimrigh le dòigh-beatha eadar-dhealaichte

Thig agus faic co ris a tha e coltach a bhith a' fuireach ann an sgeama-thaighean mhòr am Port Talbot

  • Thig agus coinnich clann a tha a' fuireach ann an sgeama thaighean mhòr
  • Sgeama-thaighean Sanndabhail agus na h-atharrachaidhean a thàinig air an àite thairis air an 50 bliadhna a chaidh seachad

Thig agus cluinn mar a dh'atharraich Llangrannog

Cluinn co ris a tha e coltach ann an eco-coimhearsneachd

Cluinn co ris a tha e coltach a bhith fuireach ann am Port Talbot

Thig agus cluinn mu Port Talbot

Turasachd

Tha an sgrùdadh a' rannsachadh cuspairean ceangailte ri turasachd agus na buaidhean a th' aige air àiteachan, daoine agus àrainneachd.

Tha an sgrùdadh stèidhichte air Eilean Mhallorca agus tha e a' toirt sùil air buaidh turasachd air an eilean. Tha e cuideachd mar leabhar-iùil air eachdraidh agus chultar an eilein.

Tha cruinneachadh de dh'fhilmean goirid anns an sgrùdadh agus gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air na h-ìomhaighean san àrainneachd. Tha iad seo air an dearbhadh air a' chlàr gu h-ìosal. Tha fo-thiotalan an lùib gach bhidio. Tha gach bhidio a' coimhead ri diofar thaobhan de thurasachd air Mallorca agus tha iad air an lìbhrigeadh le daoine òga às an eilean.

Tha na bhidiothan a' gabhail a-steach:

Stiùir cultarail air biadh, ceòl agus eachdraidh Mhallorca

A' rannsachadh nan tràighean turasachd as fheàrr agus nan trioblaidean a tha nan lùib

A' rannsachadh sreath bheanntan agus nan trioblaidean àrainneachd a tha a' nochdadh

Turas timcheall margaid àbhaisteach ann am Mallorca agus am biadh agus na stuthan a tha ri fhaighinn

A' tadhal air tobhtaichean Ròmanach aig Pollentia airson eachdraidh Mhallorca a rannsachadh.

Tha cruinneachadh eile ann de thrì bhidiothan goirid a tha a' toirt eisimpleirean bho air feadh an t-saoghail de dhiofar sheòrsachan turasachd. Tha iad air an dealbh airson beachd nas fharsainge a thoirt air a' chuspair. Gheibhear thuca le bhith a' cliogadh air ìomhaigh an t-saideal air an sgrion.

CUSPAIRBHIDIOTHANCOTHROMAN ÈISTEACHD
Turasachd
  • Thig agus faigh a-mach tuilleadh mu thurasachd air feadh an t-saoghail
  • Sùil air a' bhuaidh a th' aig turasachd air àiteachan san fharsaingeachd - math is dona

  • Thig agus faigh a-mach tuilleadh mu thurasachd air eilean Mhallorca san Spàinn
  • Beagan fiosrachaidh mun eilean, luchd-turais agus mu na dùbhlain

Thig agus faic cuid de na daoine a choinnicheas tu ann am Mallorca

  • Tha deagh mhargaidean iondail ann am Mallorca a tha a' còrdadh ri luchd-turais. Thig agus faigh a-mach tuilleadh
  • Sùil air baile-margaid ann am Mallorca far a bheil biadh agus beathaichean air an rèic

  • Tha eachdraidh inntinneach aig Mallorca. Tadhail air na làraich Ròmanach gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn
  • Sùil air àiteachan eachdraidheil ann am Mallorca aig làrach seann bhaile Phollentia, àite a tha còrr air 2000 bliadhna dh'aois

  • Faigh a-mach tuilleadh mu chultar Mhallorca
  • Biadh agus ceòl a tha sònraichte don àite

  • Faigh a-mach tuilleadh mu bheanntan Mhallorca
  • Sùil air Serra de Tramuntana, sreath bheanntan ann an iar-thuath Mhallorca

  • Coimhead na bhidiothan seo gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu thurasachd ann an ceàrnaidhean eile dhen t-saoghal
  • Bhidio 1 - Sùil air na Himalayas is gu h-àraidh Everest. An dùbhlan a tha na lùib agus cuideachd na trioblaidean a tha e ag adhbhrachadh. Sùil cuideachd air eachdraidh Machu Picchu ann am Peru agus an cunnart a th'ann gum bi i air a milleadh
  • Bhidio 2 - Mar a dh'atharraich na seòrsa saor-làithean a tha daoine a' gabhail ann am Breatainn agus a' bhuaidh a th' aige seo air àiteachan
  • Bhidio 3 - Tachartasan sònraichte a bhios a' tarraing mòran dhaoine thuca leithid sealladh na grèine a' dol à sealladh; fèis Kumbh Mela sna h-Innseachan agus fèis chràbhach nan Hindu

  • Thig agus faigh a-mach mu thràighean Mallorca agus na dùbhlain aca
  • Na dùbhlain a tha mu choinneamh muinntir Mallorca gus na tràighean a dhìon is aig an aon àm, turasachd a bhrosnachadh

Thig agus cluinn tuilleadh mu aon de na biadhan as ainmeile ann am Mallorca

Thig agus cluinn tuilleadh mu mhargaidh Sineu agus na rudan a gheibhear innte

Thig agus cluinn tuilleadh mu eachdraidh nan seann làrach am Pollentia

Thig agus cluinn tuilleadh mu na tràighean ann am Mallorca agus mu na tha iad a' dèanamh gus an dìon

Tha clann Mhallorca airson taing a thoirt dhuibh airson tadhal orra.

Trending Now