Ăran air a sgrĂŹobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: nan nicNèill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: nan nicNèill.
A Dhòmhnall a' Ghrògain gur gòrach leam tha thu d' bheachd,
Nuair a chaidh thu sheòladh le òinnseach nach dèanadh car dhut,
I cho sean ri Nòah is còinneach a' tighinn ga beul,
'S ged a gheibhinn Sòdhaigh chan fhanainn còmhl' riut air deac.
Sèist / Chorus
HÏ laithill o ho rò
HÏ liÚ hÏ leò
HÏ laithill o ho rò
'S coma leam bhon tĂ ini' tu.
Thug thu leat an t-iasgair bu chiataiche a bh' ann am Barraigh,
Shrac thu air a' lion nach robh 'g iasgach ach greis as t-earrach,
Thèid do chuir am prÏosan, a chiall 's gura math an airidh,
'S ann a bha na h-iarain a chumadh ĂŹomhaigh air dealg.
Bha Hesparus gad iarraidh on Rubha Liath gu Canaigh,
Ăs a sin dhan iar-dheas a-mach gu crĂŹochan Cheann Bharraigh,
'S truagh nach deach do chriathradh, a' bhiast, mun do dh'fhĂ g thu Mallaig,
'S ma thèid thu dhan t-siorrachd, bidh t' èalaidh air fheadh na mara.
'S ann ort a bha 'n còmhdach, a Dhòmhnaill, an à m na gailionn,
Ged bha là reòthte ann cha bu choir dhut a bhith nad fhallas,
Oillsgean air a stròiceadh 's an còrr dhith aig Toll a' Ghallaidh
'S coltach thu ri bòcan, a Dhòmhnaill, 's e fad do sheallaidh!
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.