Òran air a sgrìobhadh le: iain macFhionghain agus air a sheinn le: Bannal Bana-Bharrach, gòrdan barr agus niall macDhòmhnaill.
This is a song written by: iain macFhionghain and sung by: Bannal Bana-Bharrach, gòrdan barr and niall macDhòmhnaill.
Nach smaoinich sibh gur mi bha tinn
'S mo chridhe sgìth fo leòn,
A' toirt mo chiùil tri Tìr nam Beann
Nan gleanntan 's nan òb;
Tron Chaol Arcach gabhail sìos
Sruth lìonadh bras mu sròin,
Mi stiùireadh cùrs don à ird an Iar
A' triall do Mhontreal.
Bha cridhe brùite ann am chom,
Gun shil gu trom mo dheòir,
Nuair bha na h-Eileanan an Iar
Dol sìos oirnn fo na neòil.
An t-aon sin dhiubh do bheil mo mhiann
Ga thiodhlacadh sa cheò,
An t-à ite 's à ille an deà rrs' a' ghrian
'S ann dh'iarrainn bhith rim m' bheò.
Dh'fhà g sinn pà rantan nar dèidh,
Gach fear is tè fo leòn,
Gach latha 's oidhche a' guidh air Dia
Ar dìon bho adhbhar bròin,
Ar stiùireadh sà bhailte far sà il'
Gu tìr nam bà gh 's nan òb,
Gu Eilean Bharraigh tìr mo ghrà idh
Far an d' fhuair mi m' à rach òg.
Gur truagh nach faodainn bhith gu brà th
Fo sgà il nan à rd-bheann mòr,
Far bheil mo shinnsearachd a' tà mh
'S far bheil an cnà mh fon fhòd,
B' e 'n caitheamh-beatha-san a b'fheà rr,
Cha bhiodh iad là gun lòn,
A' cur 's a' buain 's a' glacadh èisg
Gu h-aoibhneach saor o bhròn.
An tùs an t-samhraidh chleachd iad riamh
Bhith faighinn lìon air dòigh,
Gam beartachadh gu dol don Iar
A dh'iasgach airson lòn.
An à m don fheasgar bhith fàs ciar
Gan cur le pìos dhen t-seòl;
Sa mhadainn mhoich mun èireadh grian
Gan toirt gu dian air bòrd.
Mu laigheadh grian san à ird an Iar
Bhiodh crodh a' triall don chrò;
Is bhiodh na caoraich dìreadh suas
Ri bruachaibh nam beann mòr.
Nuair bhiodh gach eun bu bhinne teud
'S a chèile fhèin na chòir;
'S ann leam bu chaomh bhith 'n gleann an fhraoich
Le m' leannan gaolach òg.
Nuair ruig sinn Canada nam buadh
Le bhailtean snuadhmhor mòr,
Bha mòran dhaoine dol mun cuairt
Là n uaibhir agus pròis,
Ag innse dhuinn nach eil san tìr
Ach saibhreas is mèinnean òir.
'S sinn-fhèin faicinn mìltean sluaigh
Là n acrais fuachd is bròin.
Gu bheil mo chùrs' a-nis a-null
Gu dùthaich nam beann mòr
An t-Ã ite san robh mi 'm leanabh maoth
'S mi saor on h-uile bròn;
An t-à ite am biodh mo chà irdean caomh
'S a h-uile h-aon dhiubh còmhl'
A' tairgsinn suas na h-ÃŒobairt Naoimh
An aidmheil aosta Phòil.
Mar thogas grian air falbh an driùchd
Gun èirich dhìom gach bròn;
Sa bhà ta ghiùlaineas mi null,
Gur sunndach mi air bòrd.
Gach car dhe beairt gam tharraing dlùth
Do thìr mo rùin is m' òig'
Is cùbhar bà n am bà rr gach lunn
A' falbh o stiùir na chròic.
Gu bheil nam shealladh tìr an fhraoich,
'S gach caol-ghleann am bi 'n ceò;
Gu faic mi nis e taobh a' chaoil
Le chnocan maola feòir.
Ar leam gur lèir dhomh h-uile bruaich
Mun cuairt air eilean m' òig'
'S Bà gh Chòrnaig bheag le sgeirean cruaidh,
Siud innis suain nan ròn.
Gur tìm dhomh crìoch chur air mo dhà n
Bhon bha e buan gu leòr;
Thig crìoch ri ùine air gach dual,
Thèid fuadach air gach bròn.
Bhon ruig mi 'n tìr dhan tug mi luaidh
Lem rìbhinn shnuadhmhor òg,
Thig dìochuimhn' air gach turas cuain
Gach uallach agus bròn.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.