A' Mhisg

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) agus air a sheinn le: Cairistìona Sheadha.

This is a song written by: Iain Moireasdan (Gobha na Hearadh) and sung by: CairistĂŹona Sheadha.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Na measaibh mo dhĂ n dhuibh, a chĂ irdean mo ghaoil
A-mhĂ in na sgath-bhĂ rdachd, tha grĂ dh ann d' ur taobh;
Is e cuspair mo chĂ inidh a' phlĂ igh sin nach caomh
A' mhisg thug sgrios-aoig air mòr-shluagh.

Sèist / Chorus

A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bhon òl?
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bhon òl?
A chuideachd mo ghaoil, nach pill sibh bhon òl?
Mun sgrios e gun bròn fa-dheòidh sibh?

An olc leibh mi chĂ ineadh bhur nĂ mhaid ro gheur,
Thug masl' air mòr àireamh 's a dh'fhàg iad an èis,
De dh'anmaibh neo-bhàsmhor rinn tràillean fo stèill,
Gu ifrinn na pèin gan seòladh.

Bhi pòit air deoch làidir 's nÏ gràineil gu dearbh,
Is droch innleachd a ghnĂ th e rinn SĂ tan a dhealbh;
Tha mallachd an tĂ th ris bheir bĂ s agus searg
Air cuirp is air anmaibh còmhladh.

Tha sean-fhacal gnĂ thaicht ag rĂ dhtainn on tĂšs
Gun rĂšisgear am brĂ ighe gu sĂ th thoirt don bhrĂš;
Ach a' mhisg cha toir Ă rach do chĂ il ach don ghruid
'S do mhiannaibh tha brÚideil feòlmhor.

Is iomadh teaghlach a dh'fhag i 'n cruaidh-chĂ s 's am mĂŹ-rian
Is mnathan gan crĂ dh an ceann phĂ istean gun chiall,
Ag glaodhaich 's a' rĂ naich gu h-Ă rd 's iad gun bhiadh
Gun aodach gu 'm bian a chòmhdach.

Mhill a' mhisg ort do bhiĂšthas 's do chliĂš chuir mu lĂ r;
Dh'fhĂ g i creacht' agus spĂšillt' thu gun iunntas gun tĂ in,
Mheall i riamh thu le sĂšgradh, gun d' lĂšb thu da cĂ il,
Is dh'fhàg i don ghràisg nad spòrs thu.

Is i mhill ort do reusan 's troimh'-chèil' chuir na d' cheann,
Mar bhrÚid air bheag cèille 's le dèistinneachd cainnt;
Bidh riasladh air Beurla 's "De'il take ye" 's "God damn"
Bidh tric air gach ceann de d' chòmhradh.

An trioblaid gu luath thèid air ghluasad san rÚm
Thèid pògan gu tuasaid; paisg suas a' phiob-chiÚil
Bithidh gairm air an uamhas, bithidh spuaic fo gach sĂšil
Gam bualadh le lÚths nan dòrnaibh.

Dh'fhĂ g i grĂ ineil na d' luids thu ga d' luidreadh sa pholl,
Do chorp le shĂ r chudthrom a' tuiteam gu trom,
Gun taobh bheir thu ruiseadh nach tuislich do bhonn,
Is làrach do dhròm' 's gach lònan.

An uair thig ort an tlĂŹgheachd le dĂŹobhairt 's le spĂ irn,
Bhi air d' fhasgadh cha mhillseachd do thĂŹ ach cuis-ghrĂ in,
Na d' thuainealach dĂŹblidh na d 'shĂŹneadh air lĂ r,
Is neo-chÚbhraidh le càch do bhòrlann.

Dh'fhàg i èitidh mÏ-sgiamhach do nial mar an t-eug,
Mhill i d' Ă illeachd is d' iomhaigh 's do chiall gu mĂŹ-bheus,
Na d' sgeith ga do smiaradh 's glas-ghiall air do dheud,
Gun smid às do bheul ach ròmhan.

Ged dh' fhaothaich thu falamh do stamag dheth luchd,
Fas-dhĂŹobhairt riut leanaidh bheir sparraibh na d' uchd;
Is nÏ neònach, mun dealaich do bhàch-thinneas riut,
Na d' sgairt mur bi gurt le tòbairt.

An uair theirgeas dhut airgiod 's a dh' fhalmh'chear do phĂšids',
San òst às an d' fhalbh thu 's beag earbs' a gheibh thu,
Thèid spèis dhut air dearmad 's ma ghairmeas tu drÚdh,
Bi dearbht' à taobh cÚil na còmhla.

Is e siud a dh'fhĂ g Ă ireamh cho bĂ rlagach lom,
Cho eòlach mun t-snàthaid gu tàthadh nan clobhd;
Air dath cha bhi tĂ ire ma chĂ ireas e toll,
Geal, dubh, glas, no donn, mas clò e.

Their thu rium nach fear-pòit thu chionn stòp nach do phàidh,
'S nach robh thu 'n tigh-òst' bho chionn còrr agus ràidh,
Ach 's fiosrach e dhòmhsa gun òl thu mar ràic,
An uair gheibh thu deoch-sglàib air tòrradh.

Tha peanas na misge gu tric na sgiort fèin -
Croit 's asnaichean briste, màm-sice 's cnead clèibh,
Cinn 's cruachannan liodraicht is ioscaidean lèirt',
Rinn criplich gun fheum de mhòran.

Gheibh fear a' cheud dòrn air an t-sròin 's nÏ i leum;
Fear 's leòb ris dheth fheòsaig is tòcadh na dhrèin;
Bidh peirceall fir leòinte 's car stòrach na dheud,
Is fhallaing gu lèir na sroicean.

Fear 's a cheann air a ghearradh 's a mhal' air a ghruaidh;
Fear eile fon chamart gu h-anshocrach truagh,
Mar stamp iad air amhaich 's a charraid ro chruaidh
San d' thuit e na luairean fòdhpa.

Is iomadh laoch a bha lĂ idir gu bĂ s chuir i 'n-null,
A bha eòlach air snàmh, rinn i bhàthadh sa ghrunnd,
A chaidil fo tĂ ladh 's gu brĂ th nach do dhĂšisg,
Gun d' fhosgail e shÚil an dòrainn.

Ge milis an cupan na ghrunnd tha droch dhruaip
Tha miodal mĂŹ-rĂšnach gu dĂšr dhuit lĂ n fuath,
Mur dian i do dhĂšineadh an teas dumhail gun truas
Gun bhraon do dh' uisg fuar do throcair.

Is iomadh aon chuir i 'n sĂ s an glas-lĂ mhan gu teann,
Am prĂŹosan a spĂ rr i 's nach d'fhĂ g i fad' ann,
Ach a chroch i gu h-Ă rd le bĂ s nĂ rach air crann,
Le lÚbach dheth 'n bhall ma sgòrnan.

Bheir i masladh is nĂ ir' ort as tĂ ireile dĂŹol
Na bhi na d' cheòl-gàire don ghràisg fad do thriall;
Mur pill thu tro ghrĂ s nĂŹ i 'm bĂ s chur na d' chliabh,
Air d' anam bheir pian gun dòchas.

Seinneadairean / Performers

CairistĂŹona Sheadha

B' i Cairistìona Sheadha nighean le Uilleam Donn Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thàinig Uilleam à Srannd, an ceann a deas Na Hearadh, agus ...

Fiosrachadh air CairistĂŹona Sheadha / Learn more about CairistĂŹona Sheadha

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now