Òran air a sgrìobhadh le: Ailean 'Mòr' MacIlleMhoire agus air a sheinn le: Mà iri Nic a' Ghobhainn.
This is a song written by: Ailean 'Mòr' MacIlleMhoire and sung by: Mà iri Nic a' Ghobhainn.
Iomair thusa, Choinnich chridhe
Nèill a mhic 's na hò rò
Gaol nam ban òg 's grà dh nan nighean
Nèill a mhic 's na hò rò
Hè rò, hù ò rò.
Tha eagal mòr air mo chridhe
Gu bheil bìrlinn Nèill a' tighinn
No sgòth chaol mhic Thormoid oighre.
Iomraidh mise fear ma dhithis
'S nam b' èiginn domh fear ma thrithear.
Ach 's truagh nach robh mi fhìn 's Niall Odhar
An lagan beag os cionn Dhùn Odhail
Biodag am là imh 's esan fodham;
Dhearbhainn fhèin gun deigheadh i domhainn
'S gum biodh fuil a chlèibh mu ghobhal,
'S gun dèantadh feòil 's gun dèantadh sitheann
'S gum biodh biadh fo ghob an fhithich.
Cha d' rinn mi fhathast beud no pudhar
Mur do leag mi fiadh bho bhruthach
No biast mhaol an caolas cumhang
No dubh-sgarbh an cois na tuinne.
Chì mi nise tighinn air fà ire
Gob an Rubha 's iodhlann na h-Àirde
Far 'n do mhilleadh mo chuid chà irdean.
Cha tà inig mi riamh an cuan-sa
Gun bhall taobh, 's gun taod guaille
'S gun a rac a bhith sa buaraich
Cupaill ann am bòrd an fhuaraidh
'S fiùran dìreach sheasadh suas innt'
'S cranna fada rachadh mun cuairt orr'.

Rugadh is thogadh Mà iri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far a robh seinn na rud cho nà darrach ri ...
Fiosrachadh air Mà iri Nic a' Ghobhainn / Learn more about Mà iri Nic a' GhobhainnCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.