Eala nan Cuaintean

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Cuimeanach agus air a sheinn le: Donnchadh Peutan.

This is a song written by: Donnchadh Cuimeanach and sung by: Donnchadh Peutan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mi air m' uilinn am leabaidh,
O! cha chadal 's cha tĂ mh,
Chi mi Eala nan Cuaintean,
Ga toirt uam th' air mo cheann;
'N dèidh 's mo lÏon chuir man cuairt di,
'S a cuairteach gu trĂ igh,
Bha mo dhubhan gun bhiadh air,
'S gum bu dĂŹomhain mo dhĂ n.

Bha mo dhubhan gun bhiadh air,
'S mi gun airgead am phòc,
No mo chrodh air na buailtean,
No caoirich gan cuairteach gu crò,
No mo lĂ raichean searraich,
Gan teàrnadh gu baile le ceòl;
Och! 's ann rinn thu mo mhealladh
Mar rinn IÚdas nuair dh'iarr e phòg.

B' olc an car a rinn IĂšdas,
Nuair dhiÚlt e bhith dÏleas do 'n chòir,
Ghabh e comhairl' a' mhealltair,
'S thug e mhaighstir thairis don mhòd;
Ged a thug mi dhut samhladh
Le tuit'mas cainnte mo bheòil,
B' e mo dhĂšrachd gun teagamh,
Bhi sÏnte ri d' leisreadh ri m' bheò.

Ged b' e siud mo lĂ n dĂšrachd,
O na dhiĂšlt thu mo chaidreabh an drĂ st',
Chan iongna dhòmhsa bhi dÏleas,
Ge b' e neach don innsinn mar bha;
Ge b' e aon neach do 'n innsinn,
Miad ur brĂŹodal thar chĂ ch,
'S thu ann ghlacan gu dĂŹomhair,
S do ghealladh cho cinnteach 's am bĂ s.

Bha do ghealladh cho cinnteach,
'S ged a sgrĂŹobht' e le peann,
Air a dhaimhneach on BhĂŹoball
Gum biodh tu dĂŹleas 's gach Ă m;
Ach ma thèid mi gu còir leat,
Mar bu chòir dhomh dol ann,
'S mi a dhèanadh do phòsadh,
Le m' uile dheòin 's ann gun taing.

Nach eil eagal ortsa a d' anam
Airson bhi eathaich a d' chainnt,
Nach eil thu fo chĂšram
Airson nan cĂšmhnantan teann;
Airson nan cĂšmhnantan daingeann
A bh' againn sa ghleann,
Pòs is ceangal gun fhios,
Ged bhithinn brist le do ghrĂ dh.

Gur tu meann anns a' ghĂ rradh,
'S cÚbhraidh fàile ri m' shròin,
'S tu gheug Ăšr a dh'fhĂ s Ă lainn
Null 's a-nall le gaoith mhòir;
ThĂ inig osag den ioma-ghaoith,
Sguab i aon de na meòir,
'S an ath-sgrĂŹob thug i rithist,
Rinn i 'n t-slighe bu chòir.

Ged rinn thusa an t-slighe,
'S dh'fhàg thu mise fo bhròn,
Mar fhear garadh gun mhios mi,
Mar dhuine misgeach ag òl,
Mar shaighdeir gun chlaidheamh,
Mar ghobhainn gun òrd,
Mar shealgair gun ghunna
No mar chuilean gun sròin.

Mar chuilean gun sròin mi,
'S mi air cÚl-luirg an ròin,
Nuair shaoil leis bhi aige,
Damh cabrach na cròic;
Fhleasgaich òig na cuir d' earbsa
Anns a' chalg th' air an fhiadh,
Ged fhaigh thu greim air bhàrr cròic air
Na cuir do dhòchas na bhian.

Na cuir dòchas ro làidir
Ann am bĂ ta gun stiĂšir,
No 's a' bhreac air an linne,
No an eilid nan stĂšc,
Anns an ròn th' air a' chladach
Na cuir idir do dhĂšil,
No 's an t-sionnach bheag charach,
Ged robh e 'm fagas do d' chĂš.

Greim air eĂ rr air a' bhradan,
No air chois deiridh air fiadh,
No air sgèith muice-mara,
'S gum bu sleamhainn i riamh;
Greim air chliathaich air loingeas,
'S ceart co-ionnan an gnĂŹomh,
Is air lĂ mh na h-Ăšr chailin
Bha gam mhealladh seachd bliadhn'.

Ach cuim am bithinn fo mhulad,
Fo thuireadh no prĂ mh,
Agus fios aig an t-saoghal
Cò a dh'aom anns an fhàil'n;
Mar thug Eubh 'n car Ă s an duin' aic,
Nuair bha iad 's a' ghĂ rr',
'S ann mar sin tha mis' leatsa
Air mo mhealladh an-drĂ st'.

Air mo mhealladh a tha mi
Le do mhĂ nran 's gach uair,
Ach cuim an cuirinn ort coire,
Nan fana' tu bhuam;
Nuair bhithinn fo Ă mhghar,
Bhidh do lĂ mh orm mun cuairt,
'G rĂ dh - "De 'n smuainrean th' air d' aire?
Cha toir fear gu brĂ th mise bhuat."

Is ionnan siud 's mar a thachair
Don aisleachan Ăšr,
'N gaol, chaolaich a chasan,
Agus dh'fhail e a chrĂšn;
Ghoid e bhòidhchead a bh' aige,
Agus phrap e a ghnĂšis,
Mar chraoibh gun fhreumhan air seachda,
'S i neo-dhreachmhor do 'n t-sĂšil.

Bu tu an rimhinn Ăšir uasail
Le d' chuman is buarach a' d' dhòrn,
Tarraing suas le d' chuid ghruagach,
Air feadh chruidh ruaidh thàin' à Bòid,
A chruidh dhuibh thĂ in' Ă  Ile,
'S a chruidh bhàin thàin' à Leòdhs',
'S car thu Dhròbhair nan ciadan,
Fear thionnda lÏonmhor nan còrn.

'S tu 'n fhaoilinn is gile,
No sneachd ga chur air an lòn,
'S tu 'n tĂ rmachan ceutach,
'S a' Bheinn Èibhinn 'm bi 'n ceò;
'S tu chuthag ghorm cheutach,
Madainn Chèitein chiÚin cheòth'r.
'S tu 'n smeòrach air gheugan,
'S fheadan gleuiste chum ceòil.

Gur tu 'n liath-chearc 's an doire,
'S moich' a ghoireas le fuaim,
'S tu mo cheòl dol a chadal
'S anns a' mhadainn 'n Ă m gluasd;
An Taigh-mòra nan uinneag,
'S Ă rd a chluinninn mo rĂšn,
'S ann an coille nam badan,
'S tric am ghlacan bha thu.

Seinneadairean / Performers

Donnchadh Peutan

Seo mar a bhruidhinn Ceana Chaimbeul air Donnchadh Peutan Ă  Siadar, ann an Uig an Eilein Sgitheanaich, a tha a' seinn an ...

Fiosrachadh air Donnchadh Peutan / Learn more about Donnchadh Peutan

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now