Ăran air a sgrĂŹobhadh le: Dòmhnall Mac na CeĂ rdaich agus air a sheinn le: Flòraidh NicNèill.
This is a song written by: Dòmhnall Mac na Ceà rdaich and sung by: Flòraidh NicNèill.
Gur mis' a tha gu mĂširneach,
'S mi gun sprochd gun chĂšram,
Gur mis' a tha gu mĂširneach,
'S i dèanamh cÚrs' air Barraigh leam.
'S e bhith toirt mo chĂšlaibh,
Ri baile mòr na smÚide,
Rinn m' aigneadh chur ri sĂšgradh,
'S thog gach smĂšr bhĂ rr m' aire-sa.
Chan iongnadh mi bhith uallach,
'S m' inntinn bhith gun bhruaillein,
I gearradh nan tonn uaine,
Gam thoirt bhĂ rr chuain is cabhag orr'.
A' dol dhan eilean bhuadhmhor,
Far bheil na suinn gun ghruaimean,
A dh'ionad nam bean uasal,
A tha lĂ n suairc' 's carantachd.
Gur h-e an t-eilean uasal
'S mòr mo thlachd 's m' uaill dheth,
'S e Reul na h-Ăirde Tuath e,
'S chan eil sa chuan cho maiseach leam.
O chĂŹ mi, chĂŹ mi uam e,
A chreagan glasa cruaidhe,
'S na tuinn gun tĂ mh a' bualadh,
Le caithream bhuan ri chladaichean.
Chi mi nis Maol Dòmhnaich,
'S na h-eòin mun cuairt dheth seòladh,
'S a laogh na chois an còmhnaidh,
Nach iarr gu crò na machaire.
BhĂ rr taobh a deas a' bhata,
'S ann chĂŹ mi sealladh Ă lainn,
Bhatarsaigh bho bhĂ rr,
Agus luchd mo ghrĂ idh air thaigheadas.
Nuair thèid mo chas air fòid,
Bithidh mo chà irdean tighinn gam fheòrach,
"Do bheath' 'an tÏr, a Dhòmhnaill,
Is tu cho beò bhon dhealaich sinn"

'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gà idhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh ...
Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèillCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.