Facail an Òrain / Song Lyrics

Càit' an deach an duine còir
Air 'n robh còta ruadh?
Na thill e dhachaigh chun na Cròice
Leis a' chòta ruadh?
Chan fhaca mise fear air bhòidse
Riamh air còrsa Chluaidh
Bha giÚlan trusgain leth cho leòmach
Ris a' chòta ruadh.

Cha robh cotan, cainb, no fòtus
Anns a' chòta ruadh;
'S ann bha e geàrrt' a-mach à còrn
A b'fheàrr do chlòimh nan uan,
'S mo mhĂŹle beannachd aig an tĂ illear
Chum 's a gheĂ rr 's a dh'fhuaigh
'S a dhearbh a chèard bhith air a mheòir
Nuair rinn e 'n còta ruadh.

"Shiubhail mi Uibhist mhòr an eòrna
Leis a' chòta ruadh,
Oidhche shìos an Àird na Mona
'S oidhche am Bòirnis shuas."
Cha robh talla 'n seinnt' ann òran,
'N cluinnte ceòl no duan
Nach fhaiceadh iad mo charaid còir ann -
E-fhèin 's an còta ruadh!

Ach 's iomadh miabhadh thug thu dhòmhs'
thu fhèin 's do chòta ruadh
A-mach gach oidhche nuair bu chòir dhomh
bhith sa chòs nam shuain
Eadar BĂ rr an Easbuig shĂŹos
san ear san iar 's ma thuath
'S gun dh'fhàs mi dÏreach searbh gu lèor
dhiot fhein 's do chòta ruadh.

Ach dh'fhalbh sinn oidhche dhan taigh-òsta
's ghlac sinn stòp air chluais
'S gun thill sinn dhachaigh air ar dòigh às
leis na dh'òl sinn suas
Gun cluinnte mis' an Taigh 'An Ghròta
gabhail òran luaidh
'S bha botal anns a h-uile pòc'
a bh' air a' chòta ruadh.

Gun duirt e rium - "Bha 'n toiseach m' òig ann
Còmhdach air bheag snuadh,
Gun cheap, gun chirb, gun bhrèid, gun bhròig
Ach òrdagan 's iad fuar;
Ach thriall an aimsir sin gu cĂšl
Is thĂ inig tionndadh nuadh,
'S nuair dh'fhàs mi sean gun d'fhàs mi leòmach
'S fhuair mi còta ruadh."

Thug e fad na h-Oidhche Dhòmhnach
Gu trà-nòin Diluain,
Gun smaointeachadh air dol dhan chòs,
Ach tòinleagan mun cuairt,
'S mi 'g èisteachd ris a h-uile sgeul
A chualas shĂŹos no shuas,
'S a h-uile h-aon dhiubh air mheòmhair
Aig fear a' chòta ruaidh.

Cha robh Diarmad, Fionn no GrĂ inne
No Garbh Mac StĂ irn an duan;
Cha robh Fear-eabaid le luirg,
No Bhuilfheartach thar chuain;
Cha robh Tuathanach O' Drao,
No laoch a chualas cluas
Nach fhaighte 'n ainm 's an aithris sgeòil
Aig fear a' chòta ruaidh.

Ach guma fad fallain beò
Bhios fear a' chòta ruaidh
Gus innse sgeòil an TÏr an Eòrna,
DÚthaich chòir nam buadh;
'S ma 's e 's gun tig e cuairt gu brĂ th
A-nuas air Ă rainn Chluaidh,
Gun sÏn am bàrd a làmh le deòin
Do dh'fhear a' chòta ruaidh.

Cuspair an Òrain

Bha Mairead, piuthar Dhòmhnaill Ruaidh, pòsta aig an sgeulaiche ainmeil Donnchadh Dòmhnallach, Donnchadh Clachair, à Peighinn an Aoirein. An turas a bha seo thàinig Donnchadh a Ghlaschu, 's e dol a ghabhail pàirt ann am prògram rèidio, Black House into White, a bha am BBC a' deasachadh agus a tha fhathast glèidhte an tasglann a' BhBC.

Fhad 's a bha e sa bhaile, bha Donnchadh a' fuireach còmhla ri Dòmhnall Ruadh agus Màiri agus thurchair gu robh còta clò Hearach ruadh air. B' e seo an còta a thug cuspair an òrain don bhàrd.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha a' bhàrdachd aig Dòmhnall Mac an t-Saoir air a cruinneachadh anns an leabhar Sporan Dhòmhnaill - Gaelic Poems and Songs by the Late Donald Macintyre, The Paisley Bard. Chaidh an cruinneachadh agus an deasachadh le Somhairle Mac a' Mhaoilein is chaidh an leabhar fhoillseachadh le Scottish Gaelic Texts Society, DÚn Èideann 1968.

Chaidh Aeòlus, air a dheasachadh le Bill Innes, agus le CD na chois, fhoillseachadh le Grace Note Publications, Glaschu, 2008.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhàthair nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois is chaidh ...

Fiosrachadh air Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag) / Learn more about Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now