Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Flòraidh NicNèill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Flòraidh NicNèill.
Sèist / Chorus
Fhir an leadain thlĂ th
Dh'fhà g thu mi fo bhròn.
Fhìr chùl dualaich chleachdaich
'S bòidhche snuadh ri fhaicinn
Tha do ghaol an tasgaich
'N seòmar glaist' nam fheòil.
Fhìr an leadain chraobhaich
B'òg a rinn thu m'aomadh
Thug thu mi o m'dhaoine
Fhuair mo shaonthair òg.
Fhir an leadain laghaich
'S tu mo rĂąn 's mo roghainn
Nan sguireadh tu thadhal
'S an tigh 's am bi'n t-òl.
An toiseach a' gheamhraidh
'S ann a ghabh mi geall ort
Shaoil leam gum bu leam thu
'S cha do sheall thu 'm chòir.
'N gĂ ire rinn mi'n uiridh
Chuir mo cheum an truimead
'S mise tha gu duilich
'S muladach mo cheòl.
Tha mi trom an drĂ sd'
'S e sin fà th mo dheòir
Fhir a leadain thlĂ th
Dh'fhà g thu mi fo bhròn.

'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gà idhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh agus 's ...
Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.