Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ceit Bochanan.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ceit Bochanan.
Fliuch an oidhche,
Hù ill oro
Nochd 's gur fuar i,
O hì a bhò
Man d' thug Cloinn Nìll,
Hù ill oro
Druim a' chuain orr'
Boch ho rinn o.
Man d' thug Cloinn Nìll,
Hù ill oro
Druim a' chuain orr'
O hì a bhò
Luchd nan seòl à rd
Hù ill oro
'S nan long luatha
Boch ho rinn o.
Nam brataichean
Dearg is uaine
'S iomadh sgeir dhubh
Ris na shuath i
Agus bà irneach
Ghlas a ghluais i.
Agus duilisg
Dhonn a bhuain i.
Feir thu mach i
Uisge fuaraidh
Feir thu steach i
Abhainn Chluaidh i.
Cha tèid tonn à rd
Shìos na shuas innt'.
Mo bheannachd siud
'N t-saor a dh'fhuaigh'l i
Dh'fhà g e dìonach
là idir luath i.
Bha an t-òran seo bitheanta an iomadh à ite agus tha caochladh fhacail ri lorg air a shon, mar eisimpleir anns na leabhraichean aig Iain Latharna Caimbeul Hebridean Folksongs (Oxford University Press, 1969, 1977, 1981).
Thog am fear cruinneachaidh K.C. Craig na facail a leanas bho Mhà iri Nighean Alasdair ann an Snaoiseabhal an Uibhist a Deas agus chuir e an clò iad ann an leabhar beag, Òrain Luaidh Mà iri Nighean Alasdair ann an 1949.
Coisich a rùin, lùb nan geal là mh
'S bheir soraidh bhuam dha na Hearadh
Gu Seon Caimbeul donn mo leannan,
Bu thric a laigh mi fo d' earradh.
Ma tha, chan ann aig a' bhaile
An lagan uaigneach an cluain a' bharraich.
Do là mh fo m' cheann, d' aodach faram
'S mi fo chirb do bhreacain bhallaich
Gaoth nan à rd bheann draghadh fairis
Uisge fìorghlan, fuarghlan, fallain
O theang' an fhèidh a nì langan.
Fliuch an latha an-diugh 's gur fuar i
'S gun d' thug Cloinn Nill druim a' chuain dhith
Mas fhìor dhomh fhìn chì mi bhuam iad
Le an longannan loma, luatha
Le an ulagan cruinne cruaidhe
Le am brataichean gorm is uaine.
Rèiteach a nochd sa bhail' uarach
Sùilean ghobhar an ceann nan gruagach
'S ma dh'fhaodas mi, 's mi nì buannachd.
Nan cluinninn tè eile luaidh riut
Spìonainn bun is bà rr mo chuailean
'S leumadh mo shròin à rd na stuaigheadh
Dh'fhalbhadh m' anail na ceò uaine.
'S tu fireannach leam as docha
Shaltair air feur riamh no fochann
Laigh air a thaobh deas no toisgeil
No chuir bròg ma cheann a choiseadh
Mo mhil mhìochain 's mo mhil bheachain
Mo dhìtheinean eadar ghart thu
Mo cheòl, mo cheòl, mo cheòl fìdhleadh
'S mo cheòl clà rsaich à rd is ìseal.
'S gura mise th' air mo sgaradh
On chiad Mhà rt do thùs an earraich
M' òg fhleasgach donn gun bhith fallain
Chan eil feum air lèigh nad bhaile
Ge-tà , tha, na, feum air anart
'S mòran mòr de choinnlean geala
'S thug mi 'n oidhche raoir nam chaithris
'S bheir mi 'n oidhche nochd ann fhathast
Gun tèid ùir air sùil mo leannain
Ùir air sùil mo chiad ghrà dh falaich.
'S ann à Bruairnis am Barraigh a bha Ceit Bochanan, Ceit Ruaraidh Iain Bhà in. Bha a h-athair, Ruaraidh Iain Bhà in, a dh'eug aig aois 86 ...
Fiosrachadh air Ceit Bochanan / Learn more about Ceit BochananCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.