Òran air a sgrìobhadh le: Eòghann MacColla (Bà rd Loch Fìne) agus air a sheinn le: còisir ghà idhlig charadail agus còisir à rd-sgoil mhicNeacail.
This is a song written by: Eòghann MacColla (Bà rd Loch Fìne) and sung by: còisir ghà idhlig charadail and còisir à rd-sgoil mhicNeacail.
Sèist / Chorus
'S e Fòghnan na h-Alba lus ainmeil nam buadh,
Lus grinn nan dos calgach thug dearbh air bhith cruaidh;
Seann suaicheantas morail tìr bhòidheach mo luaidh,
'S tric dh'fhadaich a dheagh-chliù tein' aoibhinn nam ghruaidh.
Lus deas nam meur cròcach nach leònar le stoirm;
Ged 's ionann teachd geà rr air 's laoch dà na fo airm,
'S leis clòimh tha cho maoth-gheal ri faoileig na trà igh,
'S bà rr-ghùcag cho ciùin-ghorm ri sùilean mo ghrà idh.
Mo dhùthaich, chan iongnadh mòr chliù air thighinn bhuait
'S a liuthad buaidh-là raich 's deagh ghnà th tha ris fuaight';
An cian is le Albainn luchd-seanchais no bà ird
Bidh meas air an dealbh anns gach gorm-bhonaid à ird.
Sluagh borb, le droch rùn da, 's tric bhrùchd air a-nuas,
'S tric bhrùchd, ach gun taing dhaibh, a cheann chùm e suas;
Nuair shaoil iad bhith buadhach, 's ann fhuair iad fà th bròin;
Feuch! a' cinn thar an uaighean an Cluaran gun leòn.
Mo bheannachd gu brà th air! Cò 'n Gà idheal no 'n Gall
Nach seasadh gu bàs e, ga theà rnadh o chall!
Cò, ìosal no uasal, bheir cluas do mo dhà n
Nach òladh leam 'Buaidh Leis' o chuachannan là n!
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.