Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Caimbeul (Willie Teddy) agus air a sheinn le: Anna Mhoireach agus Mairead McLeman.
This is a song written by: Uilleam Caimbeul (Willie Teddy) and sung by: Anna Mhoireach and Mairead McLeman.
Nach mise tha gu trom, glas chiabhag nam cheann
Tha mi brist' tha mi aonranach, brònach,
Oir tha mà thair mo chloinn, bean mo ghaoil 's mo mhnaoi
Anns a' chladh air an Aoigh fo na fòidean.
Cha thuig duine gu brà th meud mo mhulaid 's mo chrà idh
Tha mo chlann air an fhà gail gun mhà thair;
'S chan eil madainn no oidhch' nach bi mi ga caoidh
Air a son shil mi na deòirean gun nà ire.
Tha an sgiath a bha blà th air a cà radh sna clà ir;
Bha do bhàs dhuinn mar dheireadh an t-saoghail
Oir tha 'n dachaigh bha blà th le gaol agus grà dh
Air a creachadh 's na bannan air sgaoileadh.
Cha tèid mionaid do bhà is às mo chuimhne gu brà th
Bha do chlann air do chùram nad èiginn;
Nuair dhùin mi do shùil gu robh bòidheachd do ghnùis
Mar an ròs fon an driùchd anns a' Chèitean.
Tha mi cinnteach, a luaidh, gu bheil thu 'm PÃ rras ud shuas
Tha na dh'fhuiling thu nis air do chùlaibh,
'S gus an dùin mi mo shùil anns a' chadal nach dùisg
Gad ionndrainn bi mi is toirt cliù dhut.
Chaidh a' bhà rdachd seo fhoillseachadh ann an Sop às gach Seid 10, litir-naidheachd a dh'fhoillsich Comann Eachdraidh Chà rlabhaigh ann an 1989.

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pà rantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...
Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna Mhoireach
Rugadh Mairead McLeman air a' Bhac, Leòdhas, nighean le Aonghas Stiùbhart, Aonghas Upsan bhon a' Bhac, agus Criosaidh Mairead NicLeòid, Nighean Ìonag, à Col. Tha ...
Fiosrachadh air Mairead McLeman / Learn more about Mairead McLemanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.