Gillean Uibhist

Òran air a sgrìobhadh le: Calum Camshron agus air a sheinn le: coinneach macLeòid agus Eàirdsidh Grannd.

This is a song written by: Calum Camshron and sung by: coinneach macLeòid and Eàirdsidh Grannd.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Guma slĂ n leis na gillean, gillean Uibhist mo ghrĂ idh,
An-diugh air an sgapadh feadh an t-saoghail 's gach Ă it',
Cuid san Èipheit 's na h-Innsean 's cuid an Afraga thall,
'S cuid sa Ghearmailt am prĂŹosan 's cuid nach till dhiubh gu brĂ th.

Siud na gillean bha uasal 's a bha cruaidh anns a' bhlĂ r
Ged chaidh cuid dhiubh ghlacadh ann am batail son chĂ ich;
Chaidh an nĂ mhaid mun cuairt dhaibh 's iad ga bhualadh gun tĂ mh,
Siud an nĂŹ a bha cruaidh leotha bhith toirt suas dha sa bhlĂ r.

Tha cuid dhiubh ri fairge ri aghaidh garbh chĂšis nan tonn,
Bidh iad daonnan fo eagal gun tèid sgread os an cionn,
Anns an iarmailt 's fon uisge chan eil fois dhaibh no tĂ mh
Gus an ruig iad an caladh sam bu mhiann leotha bhith tĂ mh.

'S iomadh athair is màthair air am fàgail fo bhròn
Iad gach latha agus oidhch' air bheag cadal no tĂ mh;
Ach ag ionndrainn nan gillean tha ri aghaidh a' bhlĂ ir
'S e an guidhe 's an Ăšrnaigh bhith gan saoradh bhon nĂ mh'.

Ach 's e chuid dhiubh tha 'm prĂŹosan tha air m' inntinn-s' an-drĂ st'
Dòmhnall Uilleam is Ruaraidh, Raghnall Ruadh is Iain Bàn,
Agus Tormod is Murchadh, Ailean, Seonaidh is Dòmhnall,
Raghnall StiÚbhart an truaghan, chaidh an cruaidh-chàs cho òg.

Tha cuid eil' anns an Air force anns na speuran a' falbh,
Cuid eil' anns an Nèibhidh, gillean treun agus calm';
'S e mo dhÚrachd dhaibh uile, Nèibhidh, Air force is Arm,
Iad a thighinn Ă s gach cruaidh-chĂ s leis a' bhuaidh air an nĂ mh.

'S mus dèan mi co-dhÚnadh 's e mo dhÚrachd don nàmh,
Do Hitler, do Ghoering, do Ghoebbels 's do chĂ ch,
Iad bhith ceangailt' ann am prĂŹosan gam pianadh gu brĂ th,
'S gillean Uibhist gan stialladh le slatan iarainn gu bĂ s.

Seinneadairean / Performers

EĂ irdsidh Grannd

EĂ irdsidh Grannd

Ged a rugadh EĂ irdsidh Grannd ann an Lenzie, air iomall Ghlaschu, ann an 1902, thogadh e le GĂ idhlig mar chiad chĂ nan. Bha e seachd bliadhna ...

Fiosrachadh air EĂ irdsidh Grannd / Learn more about EĂ irdsidh Grannd

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now