Gràdh Dhè

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Calum Màrtainn agus iseabail anna mhàrtainn.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Calum MĂ rtainn and iseabail anna mhĂ rtainn.

Facail an Ă’rain / Song Lyrics

Tha an grĂ dh seo cho lĂ idir, bĂ s chan fhaigh lĂ mh air no buaidh.
Na tuiltean cha bhĂ th e, oir 's cuan e, tha lĂ nachd bith-bhuan.
'S an dream a gheibh pĂ irt dheth, cha bhi iad dheth sĂ saicht' nan cuairt.
'S ann a' tòiseachadh tha e nuair ruigeas iad Pàrras le buaidh.

Tha an gràdh seo cho dìomhair 's nach gabh e le briathran a luaidh.
Oir bha e aig Dia mun robh talamh no grian ann, no cuan.
Oir dheònaich an Trianaid gun tigeadh Mac sìorraidh a-nuas.
A phàigheadh na fiachan 's a ghabhadh air ìomhaigh a shluaigh.

Is gràdh e nach tòimhsear, tha e thar gach uil' eòlas gu lèir.
Rinneadh iomradh le Pòl air, le Peadar, 's le Eòin mar an ceudn'.
Fhuair mnathan còir air, chuir Muire e gu sònraicht' an cèill.
'S e thug Rut is Naomi a-mach à tìr Mhòab le chèil'.

Tha 'n eaglais 'san fhĂ sach ri gearain gach lĂ  air a truaigh',
'S i beò air a' mhàna ga thional gach tràth thig e nuas.
'S ged tha truaillidheachd nĂ dair, peacadh is bĂ s rithe fuaight',
Tha thu 'g rĂ dh, "Tha i Ă illidh", 's tu 'g amharc oirr' an Ă illeachd an uain.

Tha an saoghal 's an Sàtan, an tòir oirre a-ghnàth anns a' ghleann
Ach bheir iadsan buaidh air chionn 's gun do bhuadhaich an ceann.
Cha bhi cuimhn' air an truaighean 's na buairidhean a bh' aca san Ă m,
Nuair gheibh iad thar Iòrdain 's a gheibh iad a' ghlòir tha an taobh thall.

Seinneadairean / Performers

Calum MĂ rtainn

Calum MĂ rtainn

Rugadh Calum Màrtainn ann an Glaschu ann an 1953, mac le Catrìona Choinnich Amhlaigh à Breascleit agus Dòmhnall Chaluim Iain Chaluim Màrtainn à Siadar Bharabhais. ...

Fiosrachadh air Calum MĂ rtainn / Learn more about Calum MĂ rtainn

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now