Ăran air a sgrĂŹobhadh le: Nic Còiseam agus air a sheinn le: Anna Nic na CeĂ rdaich, CatrĂŹona Garbutt, CatrĂŹona NicGill-Eain, Kathleen NicAonghais agus MĂ iri Nic Ille Mhaoil.
This is a song written by: Nic Còiseam and sung by: Anna Nic na Ceà rdaich, CatrÏona Garbutt, CatrÏona NicGill-Eain, Kathleen NicAonghais and Mà iri Nic Ille Mhaoil.
A Mhic Iain, 'ic Sheumais
Tha do sgeul air m' aire
Air fà rà l il ò
Air fà rà l il ò
Latha Blà r a' Chèithe
Bha feum air mo leanabh
HÏ èile hÏ ò
Chall èileadh ò
Chall èileadh ò
Na hÏ ò hÏ ò.
Latha blà r a' Chèithe
Bha feum air mo leanabh
Air fà rà l il ò
Air fà rà l il ò
Là Blà r na Fèithe
Bha do lèine ballach
HÏ èile hÏ ò
Chall èileadh ò
Chall èileadh ò
Na hÏ o hÏ ò.
Latha blà r na fèithe
Bha do lèine ballach
Bha fuil do chuim chĂšbhraidh
A' drĂšdhadh tron anart
Bha mi fhèin ga sÚghadh
Gus na thĂšch air m' anail
'S buidheach mi dhan lèighe
Dh'fhĂ g do chreuchdan fallain
Cha do ghabh e bristeadh
Latha leigeadh na fala.
Cuspair an Ărain - Cogadh na Cailliche Caime agus BlĂ r ChĂ irinis
Thòisich Cogadh na Cailliche Caime, mar a chante ris am beul-aithris, nuair a chuir Dòmhnall Gorm Mòr, ceann-cinnidh nan Dòmhnallach, bhuaidhe Mairead, piuthar do Ruaraidh Mòr, ceann-cinnidh nan Leòdach an Dun Bheagain.
Bha Mairead air a fradharc a chall agus chaidh a sgiÚrsadh le Dòmhnall Gorm à DÚn Thuilm air druim eich a bha air leth-shÚil. Còmhla rithe chuir e gille aig nach robh ach aon shÚil agus cÚ a bha air leth-shÚil. Agus mar nach robh seo a' dèanamh tà ire gu leòr oirre fhèin agus air a cuideachd, nuair a fhuair e sgaradh-pòsaidh, phòs e piuthar de Mhac Coinnich Cheann Tà ile, dearg nà mhaid Ruaraidh Mhòir.
Dh'adhbhraich seo cogadh fuilteach a mhair dà bhliadhna eadar an dà chinneadh. Rinn Ruaraidh sgrios ann an Tròndairnis agus thug na Dòmhnallaich ionnsaigh bhrÚideil air fearann nan Leòdach as na Hearadh. Thill iad dhan Eilean Sgitheanach far an cuala iad gu robh Ruaraidh Mòr air togail air a thoirt ionnsaigh air fearann nan Dòmhnallach an Uibhist a Tuath.
Chaidh muinntir Uibhist a shireadh comraich an Eaglais na Trianaid an Cà irinis, ach cha do chuir sin bacadh air na Leòdaich, le fear air an robh Dòmhnall Glas, à Ròdal na Hearadh, air an ceann. An dèidh là mh-an-uachdar fhaighinn air na Dòmhnallaich agus an cuid, chuir Dòmhnall Glas 's a chuideachd romhpa beagan fois a ghabhail an Cairinis mus tilleadh iad dha na Hearadh.
RĂ inig an naidheachd Dòmhnall Mac Iain 'ic Sheumais, aig an robh Ăirisgeigh aig an Ă m seo, a' bhliadhna 1601. Bha esan de Chloinn Dòmhnaill agus ainmeil mar churaidh. Bha e air a rĂ dh gu robh "a neart mar dharag na coille, a chumadh cho dĂŹreach ri giuthas na beinne, 's a chorp cho subailte ri cuilc nan lòn" agus gu robh claidheamh aige air an robh An Lainnire Riabhach.
Rinn e air Uibhist a Tuath le dà dhuine dheug de chuideachd. Thog iad triÚir eile air an t-slighe tuath, agus le sin, bha sia duine deug sa chuideachd aig Dòmhnall nuair a rà inig iad Cà irinis.
Rinn iad sgrios air na Leòdaich aig Blà r na Fèithe no Blà r Chà irinis, ach chaidh Dòmhnall a leòn le saighead anns a' chath. Chaidh Dòmhnall Glas a mharbhadh air a' chladach sa Bhaile Shear aig à ite ris an cante Oitir Mhic Dhòmhnaill Ghlais. Cha do shà bhail ach dithis Leòdach.
Bha a mhuime, Nic Còiseam, air Dòmhnall a leantainn Ă Ăirisgeigh agus a rèir an aithris bha i fhèin agus banal bhoireannaich air cladach a tuath Ghriomasaigh a ruighinn mun Ă m a bha am blĂ r a' crĂŹochnachadh. Rinn i glaodh mhòr uabhasach agus chaidh sgoth a chuir gan iarraidh. Bha e air a rĂ dh gun do sheinn iad an t-òran seo, fhad 's a bha Nic Còiseam a' toirt an t-saighead Ă sliasaid Dhòmhnaill.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh anns an leabhar A History of Skye le Alasdair MacNeacail (Maclean Press, An t-Eilean Sgitheanach, 1995) agus anns an leabhar The Songs of Gaelic Scotland, deasaichte le Anna Latharna NicGillĂŹosa (Birlinn, DĂšn Ăideann, 2005)

'S i Kathleen NicAonghais aon den t-sianar chloinne a bha aig Dhòmhnaill Phà draig Iagain air a bheil MÏcheal Mac a' Phearsain a' cuimhneachadh sa chumha ...
Fiosrachadh air Kathleen NicAonghais / Learn more about Kathleen NicAonghais
'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na CeĂ rdaich ach buinidh a teaghlach do ...
Fiosrachadh air Anna Nic na Ceà rdaich / Learn more about Anna Nic na Ceà rdaichRugadh Mà iri Nic Ille Mhaoil ann an Gearraidh Bhailteas, an Uibhist a Deas ann an 1974, an nighean aig Niall Sheonaidh NÏll agus Anna Dhòmhnaill ...
Fiosrachadh air MĂ iri Nic Ille Mhaoil / Learn more about MĂ iri Nic Ille Mhaoil
Rugadh CatrÏona Garbutt, CatrÏona Chaluim Iain, nighean Mòrag Aonghais, ann am Beinn na Fadhla air 19 Cèitean, 1935. Bha a pà rantan le chèile à Beinn ...
Fiosrachadh air CatrĂŹona Garbutt / Learn more about CatrĂŹona GarbuttRugadh CatrĂŹona NicGill-Eain ann an 1951 ann an Inbhir Nis, ged a bha an teaghlach a' fuireach ann an DĂšn Ăideann aig an Ă m. Chuir ...
Fiosrachadh air CatrÏona NicGill-Eain / Learn more about CatrÏona NicGill-EainCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.