Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: anne marie nicPhilip agus Mairead McLeman.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: anne marie nicPhilip and Mairead McLeman.
Mo chridhe trom 's duilich leam,
Gur muladach a tha mi,
Mo chridhe briste, brùit’,
Ach air mo shùil chan aithnich cà ch sin.
Mo chridhe trom 's duilich leam.
Nuair chunnaic mise an toiseach thu
Nad shuidh' air stòc a' bhà ta,
'S e còig bliadhn' deug a dh'aois bha mi
A ghaoil nuair thug mi grà dh dhut.
Mo chridhe trom 's duilich leam.
Nuair chaidh mi chun a' chladaich leat
'S a dh'amhairc mi nad bhà ta,
Gu robh mo chridhe a' caoineadh
Ged a rinn mi faoin an gà ire.
Mo chridhe trom 's duilich leam.
Cuimhnich air do bhòidean rium
An Steòrnabhagh a bha sinn,
'S ann air taobh muigh an Royal
Thug thu bòid dhomh nach do phà igh thu.
Mo chridhe trom 's duilich leam.
Cuimhnich air do bhriathran rium
Diciadain sìos am Brà ighe,
Nach fhaiceadh Dia na daoine,
Bean mo chaochlaidh air do ghà irdean.
Mo chridhe trom 's duilich leam.
Ma 's e 's gun tug thu fuath dhomh,
'S a luaidh ma rinn thu m' fhà gail,
Chan fhad gun dèan an sluagh
Anns a' chiste fhuair mo chà radh.
Mo chridhe trom 's duilich leam.
Ach on a rinn thu caochladh
Air faondradh rinn thu m' fhà gail;
On mheall thu le do ghaol mi
Chan fhaod mi bhith mar bha mi.
Mo chridhe trom 's duilich leam.

Rugadh Mairead McLeman air a' Bhac, Leòdhas, nighean le Aonghas Stiùbhart, Aonghas Upsan bhon a' Bhac, agus Criosaidh Mairead NicLeòid, Nighean Ìonag, à Col. Tha ...
Fiosrachadh air Mairead McLeman / Learn more about Mairead McLemanCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.