Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Alasdair Stiùbhart agus air a sheinn le: Seonag NicChoinnich agus Seònaid NicGriogair.
This is a song written by: An t-Urr. Alasdair Stiùbhart and sung by: Seonag NicChoinnich and Seònaid NicGriogair.
O nighean mo rùin,
C' uime chuir thu rium cùl san à m?
'S a thagh thu fear ùr
Nach loiseadh rium tùr no lann.
Ged is pailt aig' an t-òr
Cha tug e 'n gaol mòr thug mis'
Do d' chridhe 's do d' chom
'S gur cianail siud leam a-nis.
Tha na mìog shùilean blà th
Thug buaidh agus bà rr air chà ch;
Bidh mi 'g iomradh do luach
Gus an ruighear mi fuar le bà s.
'S mi ri faire na h-oidhche
Leis na reultan a' soillseadh shuas;
Cha tuit air mo shùil
Trom chadal 's tu, rùin, bhith uam.
Rìgh, nach faca tu, ghaoil,
Cian-airsneal na gaoir tha 'm chridh'
Cha toir aighear no ceòl
Gu maireann am bròn seo dhìom.
Mi mar bhà ta gun stiùir
Mar fhear-cròiceach nan stùc gun chèill
Gun socair, gun tà mh,
Ach cianail fo phrà mh 's gun fheum.
O pill rium, a ghaoil,
Cha tug mi dhut adhbhar fuath;
'S tu mo roghainn 's mo chiall
Mo bheannachd, 's mo mhiann 's mo luaidh;
'S mar nach urrainn fear ròid
Ceum a shiubhal a-nis gun sgìos
Mur bi ghrian anns an speur,
Ceart mar siud tha mi fèin ad dhìth-s'.
'S lìonmhor pòg a thug mi
De 'd bhilibh, bog, mìn-dhearg, blà th;
'S lìonmhor bòid dhaingeann
A thug sinn, ach fhuair iad bà s.
Fhuair iad bà s, leat-s' 's beag suim
Ach leam-s' siud cuimhn' a chrà idh
Fear eile ri d' thaobh
Is mise gun aoigh gu brà th.
Ach ma bheir thu led dheòin
'S le gealladh do bheòil do là mh
Don fhear seo as ùr -
Bu leamsa air tùs do ghrà dh;
Bu leam-sa thar gach aon
Do chaidreabh 's do ghaol 's do luadh,
Ach dh'fhalbh siud gu lèir
Mar aisling gun stèidh neo-bhuan.
Mìle beannachd ad dhèidh
Mìle sonas is beus gun sprochd;
Siud dùrachd mo chridh'
Ged is muladach mi a-nochd;
Bi seasmhach, a ghaoil,
Don fhear seo a thaobh do bhòid
Gheibh mise fois là imh
Ann an ciste nan clà r fon fhòd.
Rugadh Seònaid NicGriogair ann an 1946. Bha a mà thair, Catriona NicDhonnchaidh à Ealaghol as an Eilean Sgitheanach, air tighinn a theagasg dha na Hearadh, far ...
Fiosrachadh air Seònaid NicGriogair / Learn more about Seònaid NicGriogair
Rugadh Seonag NicChoinnich ann an Siadar a' Rubha, Leòdhas air 2 Sultain 1929. Ann an Sgoil na h-Àird, b' e Ciorstag Mhòr no Miss Murray ...
Fiosrachadh air Seonag NicChoinnich / Learn more about Seonag NicChoinnichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.