Ăran air a sgrĂŹobhadh le: cairistĂŹona nicFhearghais agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillĂŹosa, Flòraidh NicNèill, Mairead NicLeòid agus MĂ iri Anna NicUalraig.
This is a song written by: cairistÏona nicFhearghais and sung by: Anna Latharna NicGillÏosa, Flòraidh NicNèill, Mairead NicLeòid and Mà iri Anna NicUalraig.
Och a Theà rlaich òig StiÚbhairt, 's e do chÚis rinn mo lèireadh;
thug thu uam gach nĂŹ bh' agam ann an cogadh nad adhbhar;
cha chrodh is cha chaoraich tha mi caoidh ach mo chèile,
ged a dh'fhà gte mi 'm aonar gun sian san t-saoghal ach lèine,
Mo rÚn geal òg.
Cò nis thogas an claidheamh no nÏ chathair a lÏonadh?
's gann gur e tha air m' aire o nach maireann mo chiad ghrĂ dh;
ach ciamar gheibhinn om nĂ dar a bhith 'g Ă icheadh nas miann leam
is mo thogradh cho lĂ idir thoirt gu Ă ite mo rĂŹgh math,
Mo rÚn geal òg.
Bu tu 'm fear mòr bu mhath cumadh od mhullach gud bhrògan
bha do shlios mar an eala 's blas na meal' air do phògan,
d' fhalt dualach, donn, lurach mu do mhuineal an òrdugh,
's e gu cam-lubach, cuimir, 's gach aon toirt urraim da bhòidhchead,
Mo rÚn geal òg.
Bu tu 'm fear slinneanach letheann, bu chaoile meadhan 's bu dealbhaich;
cha bu tà illear gun eòlas dhèanadh còta math geà rr dhut,
no dhèanadh dhut triubhais gun bhith cumhang no gann dhut:
mar gheala-bhradain do chasan led gheĂ rr-osan mud chalpa,
Mo rÚn geal òg.
Bu tu pòitear na dibhe 'n à m suidhe 's taigh-òsta,
ge b' e dh'òladh 's tu phà igheadh ged thuiteadh cà ch mu na bòrdaibh;
bhith air mhisg chan e b' fhiÚ leat, cha do dh'ionnsaich thu òg e,
's cha d' iarr thu riamh cÚis air tè air chÚl do mhnà pòsta,
Mo rÚn geal òg.
'S iomadh baintighearna phrÏseil, len sÏoda 's len sròlaibh,
dan robh mis' nam chÚis-fharmaid chionn gun tairgeadh tu pòg dhomh.
ged a bhithinn cho sealbhach 's gum bu leam airgead Hanòbhair
bheirinn cnag anns na h-à ithntean nan cumadh cà ch sinn bho phòsadh,
Mo rÚn geal òg.
'S iomadh bean a tha brònach eadar Trondairnis 's Slèite,
agus tè tha na banntraich nach d' fhuair samhla dam chèile.
bha mise là n sòlais fhad 's bu bheò sinn le chèile,
ach a-nis bhon a dh'fhalbh thu cha chĂšis fharmaid mi fhĂŹn dhaibh,
Mo rÚn geal òg.
Gura mise th' air mo sgaradh, is ge do chanam, cha bhreug e,
is iomadh tè bha na banntraich nach d' fhuair samhladh dem chèile,
fear do chèille 's do thuigse cha robh furasta ri fhaotainn;
's cha do sheas air CÚil Lodair fear do choltais bu trèine,
Mo rÚn geal òg.
Och nan och, gur mi bochdag, 's mi là n osnaich an-còmhnaidh -
chaill mi dÚil ri thu thighinn, thuit mo chridhe gu dòrtadh;
cha tog fidheall no clà rsach, pÏob no tà ileasg no ceòl e -
nis o chuir iad thu 'n tasgadh, cha dÚisg caidreabh duin' òg mi.
Mo rÚn geal òg.
Bha mi greis ann am barail gum bu mhaireann mo chèile,
's gun tigeadh tu dhachaigh le aighear is le faoilteachd,
ach tha an t-Ă m air dol thairis is chan fhaic mi fear d' eugais
is gus an cuir iad mi san talamh cha dealaich do ghaol rium,
Mo rÚn geal òg.

Rugadh Mairead NicLeòid ann an DĂšn Ăideann ged a bha a mĂ thair Ă s an Ăird anns a' Rubha agus a h-athar Ă Tolastadh a' Chaolais ...
Fiosrachadh air Mairead NicLeòid / Learn more about Mairead NicLeòid
'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gà idhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh ...
Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèill
Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillĂŹosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna â ann an GĂ idhlig agus caochladh chĂ nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillĂŹosa / Learn more about Anna Latharna NicGillĂŹosa
Rugadh agus thogadh MĂ iri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair Ă Tiriodh agus tha a mĂ thair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...
Fiosrachadh air Mà iri Anna NicUalraig / Learn more about Mà iri Anna NicUalraigCopyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.