Moladh Beinn Dòbhrain

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain agus iain macIlleMhìcheil.

This is a song written by: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and sung by: Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain and iain macIlleMhÏcheil.

Facail an Òrain / Song Lyrics

An t-Ăšrlar:
An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòbhrain;
Na chunnaic mi fon ghrèin 's i bu bhòidhche leam;
Monadh fada rèidh, cÚil am faighteadh fèidh,
Soilleireachd an t-slèibh bha mi sònrachadh.

Doireachan nan geug, coille anns am bi feur;
'S foineasach an sprèidh bhios a' còmhnaidh ann.
Greidhean bu gheal cèir, faghaid air an dèidh;
'S laghach leam an treud a bha sròineasach.

'S annsa leam nuair thèid iad air chrònanaich,
No na th' ann an Èirinn de cheòlmhoireachd;
'S binne na gach beus anail mhic an fhèidh
A' langanaich air eudann Beinn Dòbhrain.

An damh le bhÚireadh fèin tighinn à grunnd a chlèibh,
'S fad a chluinnt' a bheuc an àm tòiseachaidh.
An t-agh is binne geum 's an laogh beag na dhèidh
Freagraidh iad a chèile gu deòthasach.

An siubhal:
Eilid bheag bhinneach bu ghuiniche sraonadh
Le cuinnean geur biorach a' sireadh na gaoithe;
Gasganach, speireach, feadh chreachainn na beinne,
Le eagal ro theine cha teirinn i 'n t-aonach;
Ged thèid i na cabhaig, cha ghearain i maothan.

Bha sinnsireach fallain nuair shĂŹneadh i h-anail
'S toil-inntinn leam fanachd ga langan a chluinntinn,
'S i 'g iarraidh a leannain 'n Ă m daraidh le coibhneas.

'S e damh a' chinn allaidh, bu gheal-cheireach feaman,
Gu cabarach, ceannard a b' fharamach raoiceadh,
'S e ' còmhnaidh 'm Beinn Dòbhrain 's e eòlach ma froidhnidh.

An dara h-Ăšrlar:
Tha 'n eilid anns an fhrÏth mar bu chòir dhith bhith,
Far am faigh i mÏlteach glan, feòirneineach,
Bruchaireachd is cĂŹob, lusan am bi brĂŹgh,
Chuireadh sult is Ïgh air a lòineanaibh.

Fuaran anns am bi biolaire gun dĂŹth,
'S mÏlse leath' nam fÏon 's e gun òladh i.

Cuiseagan is riasg chinneas air an t-sliabh,
B' annsa leath' mar bhiadh na na fòlaichean.

An dara siubhal:
Tha leth-taobh na leacainn le mais' air a còmhdach,
'S am frith-choirean creagach na sheasamh na chòir sin;
Gu stobanach, stacanach, slocanach, laganach,
Cnocanach, cnapanach, caiteanach, ròmach.

Pasganach, badanach, bachlagach, bòidheach.
A h-aisridhean corrach; nam asraichean molach;
'S i b' fhasa dhomh moladh; bha sonas gu leòr oirre;
Cluigeanach, gucagach, uchdanach, còmhnard.

An treas Ăšrlar:
'S am monadh farsaing faoin g' acach, srònagach;
Lag a' Choire-fhraoich, cuid bu bhòidhche dheth;
Sin am fearann caoin air an d' fhĂ s an aoigh,
Far am bi na laoigh 's na daimh chròcach.

'S e deisearach ri grèin, seasgaireachd dha rèir,
'S neo-bheag air an èildeig bhith chòmhnaidh ann.
'S fallain glan a crè, is banail i na beus;
Cha robh h-anail breun, ge b' e phògadh!

Crun-luath:
Tha 'n eilid anns a' ghleannan seo, chan amadan gun eòlas;
A leanadh i mar b' aithne dha, tighinn furasta na còmhdhail;
Gu faiteach bhith na h-earalas tighinn am faisge dhi mun caraich i
Gu faiceallach glè earraigeach, mum fairich i ga coire
Gu faiceallach glè earraigeach, mum fairich i ga coire.

Feadh shloc is ghlac is chamhanan is chlach a dhèanadh falach air,
Bhith beachdail air an talamh 's air a' char a thig na neòil air.

B' ionmhainn le fir cheanalta nach b' aineolach mu spòrsa,
Bhith timcheall air na bealaichean le fearalachd na h-òige;
Far am bi na fèidh gu faramach, 's na fir nan dèidh gu caithriseach.

Le gunna bu mhath barantas thoirt aingil nuair bu chòir dhi.
'S le cuilean, foirmeil, togarrach gam biodh a stiĂšir air bhogadan,
'S e mÏolairtich gu sodanach 's nach ob e dol nan còmhdhail.

An t-Ăšrlar mu dheireadh:
An t-urram thar gach beinn aig Beinn Dòbhrain
Na chunnaic mi fon ghrèin 's i bu bhòidhche leam
Monadh fada rèidh, cÚl sam faighte fèidh
Soilleireachd an t-slèibh bha mi sònrachadh.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Bha Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain fo stiÚireadh Chaluim MhicChaluim L.R.A.M., A.R.C.O. fad ochd bliadhna fichead, agus ann an eachdraidh nan còisirean Gàidhlig ma ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ceann Loch Chille Chiarain

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now