Òran air a sgrìobhadh le: Catrìona Dhùghlas agus air a sheinn le: Anna Mhoireach.
This is a song written by: Catrìona Dhùghlas and sung by: Anna Mhoireach.
Nochd gun chadal, 's a-raoir gun chadal,
Nochd gun chadal, hĂą ro i;
Raoir 's a-nochd 's gach oidhch' gun chadal,
O gur maighdean bhrònach mi.
Diluain an uair a thriall am bĂ ta
Leis na h-iasgairean air sgrìob,
Bha fuaim a' chuain nam chluais ag aithris,
"Gu brĂ th cha till do ghrĂ dh, cha till."
An oidhch' o dheireadh fhuair mi cadal
B' aisling deurach bhuair mo chridh'
Nad èiginn bha thu luaidh 's a chagair,
Mu ghrunnd a' chuain 's tu fad' o thìr.
O, 's truagh nach robh mi 'm mhaighdean-mhara
'N oidhche a chaill sibh cùrs' sa cheò,
StiĂąirinn 'n culaidh dhut gu cala
'S bhiodh m' ulaidh leam an tìr nam beò.
Ach nuair a dhĂąisg mi anns a' mhadainn,
Thà inig dòchas ùr do m' chridh';
Bha smeòrach brìodal rium le caithream,
"O thig e, thig e, 's bi aig sìth."
Ach 's mi bhiodh mĂąirneach, 's e bu diĂą leam,
Mo mhà thair chiùin bhith nochd san tìr,
Is mi nam phĂ idean 's i sam thulgadh,
'S chaidlinn sona, 's bhithinn aig sìth.

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pà rantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...
Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna MhoireachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.