Òran air a sgrìobhadh le: calum macFhionghain (Calum Ruadh) agus air a sheinn le: Ceit Bochanan.
This is a song written by: calum macFhionghain (Calum Ruadh) and sung by: Ceit Bochanan.
Sèist / Chorus
Tha lagh ùr a' lùib nam bodach,
Tha lagh ùr a' luib nam bodach,
Airgead ùr air tighinn dhan dùthaich,
H-uile stiùire riutha an crogan.
'S iomadh bodach rucach, ròcach,
Nach robh dùil aige ri pòsadh,
'S nuair a fhuair e 'n t-airgead pòcach
'S ann a thòisich e ri bagairt.
'S iomadh cailleach air a slìobadh,
Coimhead uabhasach rìomhach,
'S nuair a fhuair i 'n t-airgead dìleab
'S ann a chuir i cìr na logaidh.
Feumaidh iad cìr agus sgà than,
Ceann gun bhuaireadh gu mà ireach,
Smaointinn g' eil a' ghrian air deà rrsadh,
Air an trà igh, nach fheà rr na crògach.
Nochdaidh iad a-mach mu Bhealltainn,
Coltas chuagair as t-samhradh,
Brògan kit orra ga sealltainn,
'S bròn mu call an t-seann fhasan.
'S ann à Bruairnis am Barraigh a bha Ceit Bochanan, Ceit Ruaraidh Iain Bhà in. Bha a h-athair, Ruaraidh Iain Bhà in, a dh'eug aig aois 86 ...
Fiosrachadh air Ceit Bochanan / Learn more about Ceit BochananCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.