Òran air a sgrìobhadh le: tormod macLeòid agus air a sheinn le: Anna Mhoireach agus fiona nicChoinnich.
This is a song written by: tormod macLeòid and sung by: Anna Mhoireach and fiona nicChoinnich.
Nuair dh'fhuasgail sìos na ròpan aice
'S a sheòl i às a' Chaol
'S e 'n Iolaire bu bhòidhche
Dh'aindeoin luasgan muir no gaoth
Is iomadh òigear fuasgailt'
Bh' innt' an uair ud nach do shaoil
Cho goirid 's a bha chuairt
'S am beagan uairean as an t-saoghal.
Chaidh a h-uile nì cho fà bharach
Gun tà inig meadhan oidhch'
Nuair bhuail i air na creagan grannd'
A bha neo-bhà idheil greann
Is fhuair an Iolaire buille bà is
'S a rà in a' tighinn bho com
'S ged bha fearann là mh riutha
Rathad teà rnaidh cha robh ann.
Cha b' fhada sheas a' chliathaich aic'
Ri biastan biorach Thuilm,
'S an Iolaire chaidh i sìos leotha
'S an oidhch' bha fiadhaich dorch
B' e siud an sealladh cianail
Aig ceudan ghillean calm'
Bha strì rim beatha dhìon
Ann am measg siantanan is stoirm.
An oidhch' ud ann an Steòrnabhagh
Gun chruinnich mòran sluaigh
A' feitheamh ris an òigridh
A bha seòladh thar a' chuain
Bha peathraichean 's bha brà ithrean
'S pà istean beag gun ghruaim
Bha athraichean is mà thraichean
Chum fà ilt orr' chur san uair.
Mo chreach, mo chreach 's a thà inig
Chaidh an gà irdeachas gu tùrs'
Mun d' dh'èirich grian a-mà ireach
'S iomadh gà irdean bha gun lùths'
Chaidh fios air feadh gach à ite
Gun robh 'n à rmann ris robh dùil
Air cladach tìr an à raich
Air am bà thadh anns a' ghrunnd.

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pà rantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...
Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna MhoireachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.