Tè Bhàn, Tè Bhàn

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn agus air a sheinn le: Aonghas MacLeòid, Dòmhnall MacRath agus tòmas crawford.

This is a song written by: An t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn and sung by: Aonghas MacLeòid, Dòmhnall MacRath and tòmas crawford.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tè bhàn, tè bhàn, tè bhuidhe bhàn,
Tè bhàn a rinn mo bhuaireadh;
Cha chreid mi fhĂŹn nach fhaigh mi lĂ mh
Tè bhàin as àillidh cuailean.

Gur mis' tha cianail na mo thĂ mh
An trĂ th seo ort a' smuaintean,
biodh an cuan na thalamh trĂ ight'
Gu ruiginn trĂ th Diluain thu.

Bha mòran òigridh anns an àit'
Lem b' Ă ill do thabhairt uamsa;
Cho fad 's a ghlèidh mi fhÏn do làmh
Bha d' inntinn blĂ th rim ghualainn.

Bho rinn mi gluasad Ă s an Ă it',
San robh mi lĂ mh rim ghruagaich,
Tha m' inntinn luaisgeanach gun tĂ mh,
Gun chĂ il a thogas suas i.

Nam bithinn-sa mar eala bhĂ in,
A shnĂ mhas thar nan cuantan,
Gum bithinn oidhche riutsa lĂ mh,
Is cĂ ch nan cadal suaimhneach.

Nuair a bhitheas mi leam fhĂŹn
'S neo-shĂŹtheil bhios mo smuaintean
A' smaoineachadh mu d' aodann
Gus an sgaoil mo bhruadar.

An uair a thèid mi cuairt na sràid
'S a chĂŹ mi cĂ ch rim ghualainn
Bheir e na mo chuimhne 'n trĂ th
A bha sinn anns a' bhuaile.

Nach truagh nach robh mi anns a' ghleann,
Sam b' annsa leam bhith gluasad,
Is ged biodh m' inntinn dubhach, trom,
'S e thogadh sunndach suas i.

Gach eala bhàn a thèid air snàmh,
Gach faoileag bhĂ rr nan cuantan,
A' giĂšlan uamsa soraidh slĂ n'
Don Ă it' sa bheil mo ghruagach.

Gach creag is allt is cnoc is gleann
Air feadh nam beann san gluais sinn,
Toirt fianais air na thuirt sinn ann
Ma bhios am bann air fhuasgladh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha bàrdachd eile leis an t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn ri lorg ann an Bàrdachd Leòdhais (Acair, 1988) agus anns an iris Gairm, Àireamh 93.

Seinneadairean / Performers

Aonghas MacLeòid

Aonghas MacLeòid

Rugadh Aonghas C. MacLeòid ann an Scalpaigh anns an DÚbhlachd, 1927. B' e an siathamh duine cloinne aig Coinneach Iain 'ac Dhòmhnaill 'ic Chaluim à ...

Fiosrachadh air Aonghas MacLeòid / Learn more about Aonghas MacLeòid
Dòmhnall MacRath

Dòmhnall MacRath

Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tàbost nan Loch, Leòdhas air 26 LÚnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...

Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRath

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now