Òran air a sgrìobhadh le: Calum Mà rtainn agus air a sheinn le: island express.
This is a song written by: Calum MĂ rtainn and sung by: island express.
Nuair a ruigeas mi 'n cuan is a nì mi mo shlighe,
Gun eilean a dh'fhà g mi glè òg,
Bidh mo chà irdean is m' eòlaich a' feitheamh rium ann
Le fiamh ghà ire is dùrachd le pòg.
Sèist / Chorus
Tha iomadach bliadhna bho dh'fhà g mi mo thìr,
Dol a sheòladh na seachd cuantan mòr,
Thar gach rìoghachd is baile a tha fo na neòil,
B' e mo ghuidhe a bhith 'n Eilean Leòdhais.
Tha a' ghealach shlà n ag èirigh os cionn a' bheinn mhòir,
Tha 'n oidhche cho brèagha is cho ciùin,
Sinn a' coiseachd nur òige tron a' bhaile le spòrs,
Gun fios dè th' air thoiseach na smuain.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.