Òran air a sgrìobhadh le: d. i. mac a' mhaoilein agus air a sheinn le: Tormod MacIllEathain.
This is a song written by: d. i. mac a' mhaoilein and sung by: Tormod MacIllEathain.
Nuair a bhios mi leam fhìn
Agus m' inntinn fo leòn,
Bidh mi cuimhneachadh uair
'S mi gun uallach gun bhròn,
'S mi a' ruith is a' ruag
Feadh nam bruachan 's nan lòn,
Ann am òige ann an
Uibhist nam beanntan.
'S ann gun strì rachainn sìos
Air dà sgiathe mo smuain,
Gu trà igh mhòr an taobh 'n Iar
'G èisteachd fìor ghlag a' chuain,
Is a ghainmheach gheal mhìn
'S i gu h-ìosal fom bhonn,
Is gach tonn a' seinn
Uibhist nam beanntan.
Anns a' mhadainn gum b' èibhinn
Dhomh 'g èirigh moch trà th,
Is an driuchd air gach geug
Is na sprèidh len cuid à l,
'S an uiseag bhean binn-guthaich
Dìreach an-à ird,
'S i cur fà ilte air
Uibhist nam beanntan.
Ged a tha mise 'n-drà st'
Ann am baile na strì,
'S mi cho fada bhon à it'
Far na dh'Ã raicheadh mi,
Gu bheil sà sachadh à raid
Toirt blà ths do mo chridh',
'S e gun till mi do
Dh'Uibhist nam beanntan.

Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...
Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.