A rèir an fhiosrachaidh a chruinnich Mairead Fay Shaw ann an Uibhist a Deas agus a dh'fhoillsich i anns an leabhar Folksongs and Folklore of South Uist, b' e fear Ailean Mac a' Phì, a bha fuireach ann a' Loch a' Chà rnain, a rinn an t-òran seo.
A' bruidhinn air BBC Radio nan Gà idheal air 26/02/1991 dh'innis Ailean Currie, a bha a' fuireach ann an Loch a' Chà rnain, na leanas mu ùghdair an òrain, Ailean Mac Aonghais, no Ailean Morbhairneach mar a bh' aca air:
"Tha deagh chuimhne agam air Ailean Morbhairneach. Tha cuimhne agam nuair a bhà saich e cuideachd a-staigh againne. Shiubhail e saoghal agus bha e a' gabhail òrain as gach à ite, 's bha e math air seinn. Agus 's e dà uncle a chuala air consairt e ann an Glaschu agus sheinn e dà òran dhe na h-òrain a rinn e fhèin do Bheinn na Fadhla.
Agus chaidh iad a bhruidhinn ris an uair sin agus thà inig e còmhla riutha air holidays dhan taigh againn. Dh'fhalbh e còmhla riutha nuair a dh'fhalbh iad a-rithist, agus an ath trup a thà inig e, cha do dh'fhalbh e tuilleadh.
'S bha e dĂ bhliadhna deug a-staigh againn, agus 's ann an October 1912, 's ann a bhĂ saich e.
'S e MacInnes an cinneadh ceart aige. Tha e air ainmeachadh air MacPhee air cinneadh na ciad mhnathadh, agus sin an dòigh às a bheil iad a' togail a' rud ceà rr. 'S e MacInnes an cinneadh ceart aige gun teagamh.
Agus bha e ann am Melbourne agus bha e na shnà mhaiche math, math. Agus chaidh fear de mhuinntir Ghlaschu a-mach às a' bhà ta air an robh e agus fhuair iad heaving-line a chuir chun a' ghille agus chuir esan air dòigh e agus chaidh a thoirt don bhà ta. Ach bha an fhairge dona agus man d' fhuair esan a' heaving-line a chuir thuige fhèin 's chunnaic e cnag a' dol seachad. Chuir e na achlais i 's nuair a fhuair e staigh dhan bhà ta thuit a' chnag às achlais agus thug e leis a' chnag agus bha i air a' mhantlepiece a-staigh againne 's air a cuir air dòigh agus air a glanadh. 'S cha robh chridhe againne a dhol na còir, mi-fhìn 's da chousin 's sinn nar cnapaich bheag.
Bha e riamh airson gu rachadh a' chnag a chuir dhan chistidh aige a' latha bhĂ saicheadh e agus chaidh sin.
'S cha robh sian nach robh e a' sgrìobhadh, agus bha mòran, mòran de leabhraichean aige bha e a' sgrìobhadh, agus chan eil cuimhne agamsa dè dh'èirich dhaibh. Agus bha cnoc an taobh shuas den taigh againne, agus nuair a bhiodh a' ghrian a' dol fodha, bhiodh e dol suas, 's bha e sgrìobhadh ghnothaichean ann an sin. Agus 's e cnoc beag Ailean Morbhairneach a bh' aca air chun an latha an-diugh.
Bha e seinn air consairtean an dèidh tighinn dhan taigh againne ann an Creag Goraidh agus chuir fear na hotel a bha sin, special airson a' ghiùlain aige a thoirt dhan chladh gun sian a ghabhail air a shon. Agus sin agaibh mar a dh'èirich dha a-staigh againne. Fìor dhuine gasta agus òranaiche math, math.
'S ann ainneamh, ainneamh a tha bĂ rd ceart suas ri seinn ach bha esan a' seinn as gach Ă ite. Ghabhadh e dram, ach cha ghabhadh e ach aon dram.
'S bha brà thair dha air a robh Ùisdean. 'S e thug a-null e, 's e air job math fhaighinn dha ann an Aimearagaidh, ach man do rà inig esan a-null – cha robh an conveyance cho luath an uair sin - bha bhrà thair air bà sachadh 's cha d' fhuair e obair idir. Ach bha e treis ann agus rinn e òrain ann a' shin cuideachd.
Rinn e òran is chan eil agam ach dìreach aon cheathramh dheth -
Na faighinn-sa mo shlĂ inte
Mu latha na Fèill Phà draig
Dhèanainn beannachd fhà gail
Aig fĂ saichean AstrĂ ilia.
O 's e mo ghaol-sa an dĂąthaich
O GĂ idhealtachd nan stĂącan
Far am biodh na fèidh sa bhùirich
Gam dhĂąsgadh sa chamhanaich."
Dh'innis Ailean Currie gu robh athair Ailean na gheamair as a' Mhorbhairne agus cuideachd co ris a bha Ailean Morbhairneach coltach:
"Bha 15 clach a chuideam ann. Duine mòr brèagha. Agus bha medal na dhà aige airson snà mh. Bha e na shnà mhaiche math. O fìor dhuine gasta. Bha meas mòr air as gach à ite agus bha e a' gabhail òrain as a h-uile à ite."
Agus dh'innis e mun oidhche a chaochail Ailean Morbhairneach:
"Feasgar bha mise dìreach shuas as a' rum, mi-fhìn 's an dà chousin dhomh, cnapaich, an oidhche a bhà saich e.
Agus bha e uabhasach fhèin bochd agus dh'fhosgail a dhà shùil, agus bha m' athair na shuidhe ri thaobh 's thuirt e ris "A bheil thu sin, Anthony?"
"Tha" arsa m' athair. "Ciamar a tha sibh?"
Cha d' thuirt e guth ach dhĂąin e shĂąilean 's cha do dh'fhosgail e tuilleadh iad."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.