Rugadh Alasdair Grannd ann an Glaschu air 2 Dùbhlachd 1935 agus chaidh a thogail ann an Cille Mhoire anns an Eilean Sgitheanach gus an robh e seachd bliadhna a dh'aois. Bha teaghlach athair, Coinneach Grannd, à Boraraig agus a mhà thar, Peigi Ailig Uilleim, à Hearbusta ann an Cille Mhoire. Bha aon phiuthar aige, Criosaidh, agus dithis bhrà ithrean, Coinneach agus Dòmhnall.
'S ann an Glaschu a chaidh e don sgoil, Bun-sgoil Napiershall Street agus an dèidh sin Sgoil Woodside. Bhathas a' tairgse Gà idhlig mar chuspair airson a' chiad uair a' bhliadhna a chaidh e do Sgoil Woodside agus roghnaich e Gà idhlig a dhèanamh.
An dèidh an sgoil fhagà il bha Alasdair ag obair airson greis aig an Automobile Association agus aig companaidh a bha a' cur bathar a-null thairis.
Chuir e roimhe an uair sin a dhol dhan oilthigh agus chaidh e do dh'Oilthigh Obar Dheathain airson ceum a thoirt a-mach ann an Ceiltis, agus rinn e dà bhliadhna de cheòl clasaigeach aig an aon à m.
An dèidh trèanadh mar neach-teagaisg, fhuair e a' chiad chosnadh ann an Sgoil Dhalabroig an Uibhist a Deas. Bha e dà bhliadhna innte mus do ghluais e do Sgoil Bhail' Ùisdein ann an Glaschu. Chaidh e às an sin do Cheann Loch Gilb agus mu dheireadh gu Àrd-sgoil Loch Abar, far an robh e fad fichead bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Ann an 1975 phòs Alasdair agus Catrìona Love, à Prestwick. Tha dithis ghillean aca, Coinneach, a tha na threòraiche beinne ann an Loch Abar agus Dòmhnall, a tha na fhìdhleir clasaigeach ann an còmhlan cheathrar.
Tha Alasdair agus Catrìona a' fuireach anns an Drochaid Ruaidh, far am bheil iad air a bhith, an ìre mhath, bho chaidh iad gu Loch Abar an toiseach.
Ann an 1959 choisinn Alasdair am Bonn Òr aig Mòd Dhùn Deagh. 'S ann dhan Eilean Sgitheanach a chaidh an dà phrìomh dhuais a' bhliadhna sin oir b' i Ceana Chaimbeul a choisinn Bonn Òr nam ban. Mar bu dual bha Alasdair gu math trang aig cèilidhean mun à m seo, ged a tha e fhèin ag rà dh nach robh e riamh uamhasach cofhurtail air à rd-ùrlar.
Tha Alasdair ri bà rdachd cuideachd agus chaidh fear de na h-òrain aige, 'S Truagh Nach Robh Mi Còmha Riut, a chlà radh le Anna Mhà rtainn. Tha òran eile, 'Tha Thu Daonan Nam Smuain', air a sheinn le Karen NicMhathain air clà r a rinn a mhac Dòmhnall den stuth aige fhèin ann an 2009.
A bharrachd air a bhith na bhritheamh, tha Alasdair air cuideachadh a thoirt do chòisirean agus còmhlain ag ullachadh airson mòdan, agus tha e air taic a thoirt do fheadhainn a tha a' feuchainn air co-fharpaisean aon neach.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.