
Rugadh agus thogadh Cairistìona Primrose ann an Cà rlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais trà th as na 50an. 'S ann às Cà rlabhagh a bha a pà rantan, Norrie MacLeòid, Norrie a' Laochan agus Jean-Ann Boyce. Tha triùir nighean as an teaghlach, le Cairistìona as a' mheadhan.
Chaidh i gu Bun-sgoil Chà rlabhaigh agus fhad 's a bha i an sin sheinn i aig iomadh Mòd. An uair sin chaidh i gu Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh far na lean i oirre a' seinn aig Mòdan a h-uile bliadhna.
Às dèidh sin chuir i seachad bliadhna ann an Obair Dheathain far an robh i ag ionnsachadh sgilean clèireachd is eile. Thog i orra an uair sin gu Glaschu agus thòisich i ag obair ann an oifis far an robh i airson iomadach bliadhna.
Thachair i ris an duine aice, Richard Primrose, ann an Glaschu agus phòs iad ann an 1972. Rugadh am mac, Iain, ann an 1975 agus bhà saich Richard gu h-aithghearr deich seachdainean às dèidh dha Iain a thighinn dhan t-saoghal.
A dh'aindeoin a bhuille chruaidh a bha seo, lean Cairistìona oirre an Glaschu far an robh i gus an d' thà inig i dhan Eilean Sgitheanach, mar a dh'aidicheas i fhèin "ri linn Sir Iain Noble". Bha esan aig an à m sin gu mòr an sà s, ann an diofar dhòighean, a' feuchainn ri cà nan is cultar na Gà idhlig a bhrosnachadh.
Tha i fhathast ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig a' teagasg òrain Ghà idhlig.
Thairis air na bliadhnaichean tha Cairistìona air a bhith an sàs ann an còisir no dhà agus tha i air an bhith ann an còmhlan no dhà cuideachd. Tha e a' còrdadh rithe a bhith air an à rd-ùrlar còmhla ri luchd-ciùil eile.
Tha ceòl agus òrain as a' smior-caillich aig Cairistìona. Mar a chanas i fhèin:
"Tha mi air a bhith a' seinn cho fad 's is cuimhne leam agus tha e air mo thoirt gu iomadach à it' air feadh an t-saoghail. Tha ùidh mhòr agam ann an iomadach seòrsa ceòl.
Dhomhsa feumaidh fonn tarraingeach a bhith air an amhran oir, ge bith dè cho math 's a tha a' bhà rdachd, mur a bheil am fonn a' còrdadh rium, chan eil mi airson a sheinn!
Tha sinn uabhasach fhèin fortanach gu bheil na h-uiread de dh'amhrain shònraichte againn as a' chultur, agus, an dèidh a bhith a' seinn aig iomadach cuirm air feadh an t-saoghail, tha mi air faighinn a-mach gun urrainn dhuinn a rà dh gu bheil an à ite fhein aig na h-amhrain Ghà idhlig am measg ceòl traidiseanta sam bith a tha ri chluinntin an-diugh."
Chaidh an t-urram Gaelic Singer of the Year a bhuileachadh air Cairistìona aig na Scottish Trad Awards ann an 2009 agus tha fèill oirre mar sheinneadair agus mar neach-teagasg an iomadh à ite air feadh an t-saoghail.
Rinn i a' chiad chlà r, Àite mo Ghaoil, ann an 1982 agus chan eil teagamh nach tug e buaidh air mòran dhaoine aig nach robh eòlas air òrain Ghà idhlig ron sin. Nuair a thug i an clà r a-mach às ùr ann an 1993, sgrìobh am fear-ciùil ainmeil Robin Morton, aig a bheil Temple Records, "In retrospect, this is an album that broke the mould."
Tha Cairistìona air grunn chlà ir a dhèanamh on uair sin agus bidh i tric ag obair còmhla ris a' chlà rsair ainmeil, Alison Kinnaird. Còmhla, bha iad nan riochdairean aig an fhèis chudthromach, "Scotland at the Smithsonian" ann a' Washington DC ann an 2003.
Tha Cairistìona tric ri cluinntinn air BBC Radio nan Gà idheal agus air prògraman telebhisean.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.