Calum I. M. MacLeòid (Am Màidsear)

Rugadh Calum Iain MacNeacail MacLeòid ann an 1913 san Dòrnaidh ann an Loch Aillse far an robh athair na mhaighstir-sgoile aig an àm.

B' e athair Iain T. MacLeòid a rugadh san Eilean Sgitheanach agus a bha a' sgrÏobhadh fon ainm Alasdair Mòr ann an Gazette Steòrnabhaigh bho 1917 gu seachdain no dhà ro bhàs ann an 1954. B' e cuideachd a dheasaich an leabhar Bàrdachd Leòdhais.

B' i a mhàthair Anna NicLeòid à Breacleit am Beàrnaraigh Leòdhais, nighean a' mhiseanaraidh, Calum MacLeòid.

Chaidh Calum Iain dhan sgoil ann an Srath Fharagaig anns a' Chnoc Bhàn an SgÏre Mhuire, faisg air Inbhir Nis, agus ann an Acadamaidh RÏoghail Inbhir Nis mus deach e a dh'Oilthigh DhÚn Èideann, far an tug e a-mach ceum ann an Ceiltis.

Bha e na oifigear san Intelligence Corps anns a' chogadh agus dh'fhàg e an t-Arm le inbhe Màidsear. Chuir e seachad a' mhòr-chuid de bheatha às dèidh sin ag obair, ann an diofar dhreuchdan, an lÚib foghlam Gàidhlig ann an Alba Nuadh, an Canada.

Ann an 1958 chaidh fhastadh airson Roinn Ceiltis a stèidheachadh ann an Oilthigh St Francis Xavier an Antigonish.

Fhuair e CrÚn a' Bhàird aig Mòd DhÚn Dèagh anns a' bhliadhna 1937, an duine a b' òige a fhuair an CrÚn aig an àm, le bàrdachd mun Chuan Siar:

'S e caithream an lĂ in
Is faram nan rĂ mh ri teachd
An ealaidh a b' Ă illt'
Ri mo mhaireann 's e ghnĂ th mo bheachd;
'S ged bhiodh m' anam fo phrĂ mh,
'S mi ri caladh a' tĂ mh fo smachd
Dhèanadh caitheamh an t-sàil'
M' fhĂŹor-aiseag an dĂ il mo neairt.

Ann an 1952 nochd cruinneachadh den bhàrdachd aige, An t-Eilthireach, air a chlò-bhualadh ann an Glace Bay an Alba Nuadh. Anns an ro-ràdh tha e ag ràdh:

"Tha sinn, ceum air cheum, a' strÏ ri bratach na Gàidhlige a chumail ri crann, a dh'aindeoin gach cnap-starraidh a tha romhainn. Tha mi 'n dÚil gu faic sinn fhathast san linn seo toradh ar saothrach là brèagha air choireigin an uair as lugha a bhios sÚil againn ris."

Chan eil teagamh nach do rinn e fhèin oidhirp mhòr airson "bratach na Gàidhlige a chumail ri crann".

Ag obair còmhla ris an eòlaiche ciÚil Eilidh Creighton, sgrÏobh e sÏos agus dh'eadar-theangaich e faisg air ceud òran, a' mhòr-chuid aca bho chlàraidhean a rinn Eilidh, ach cuid a chlàr e fhèin. Chaidh Gaelic Songs in Nova Scotia fhoillseachadh le Taighean-tasgaidh Nàiseanta Chanada, an toiseach ann an 1964 agus a-rithist ann an 1979.

Tha e ag innse mar a fhuair e litir bho Ruaraidh MacThòmais, fear-deasachaidh na h-iris Gairm, san t-Sultain 1968:

"B' e iarrtas MhicThòmais gun cuirinn ri chèile leabhran de sgeulachdan à Albainn Nuaidh nach robh riamh an clò, is gu h-àraidh cunntas air eachdraidh nan eilthireach san tÏr seo.

Uill, cha d' rinn mi dĂ il sam bith. Cheannaich mi leth-bharaille de sgadain saillte, meirgeach, is poca buntĂ ta gorm an Arasaig; bhuail mi fodham, is shĂŹn mi air rĂšrach 's air rannsachadh mar a b' fheĂ rr a rachadh agam air."

Cha robh e fhèin fada ris an obair is chaidh Sgialachdan à Albainn Nuadh, air an cruinneachadh agus air an sgrÏobhadh le MacLeòid, fhoillseachadh le Gairm, ann an Glaschu, an ath bhliadhna a-rithist, 1969.

Cha robh an ath leabhar fada às a dhèidh:

"Air a' chiad den DĂšbhlachd, 1969, thuirt mi rium fhĂŹn, nuair a chuireadh Sgialachdan Ă  Albainn Nuadh air bhog, leigidh mi m' anail, ach cha robh sin an dĂ n.

Air an dearbh latha sin fhèin, thàinig fios o Ruaraidh MacThòmais, fear-deasachaidh Gairm, ag ràdh gur dòcha gum biodh e iomchaidh a-nis companach a bhith aig na Sgialachdan, 's e sin ri ràdh bàrdachd à Albainn Nuadh.

Cha robh mòran piobrachaidh a dhÏth orm airson aonta a chur ris an iarrtas sin."

Nochd an leabhar BĂ rdachd Ă  Albainn Nuadh ann an 1970.

Dh'fhoillsich Gairm aon leabhar eile le MacLeòid, Sgial is Eachdraidh, ann an 1977, agus tha an lèirmheas a sgrìobh Ruaraidh MacNèill air, ann an Gairm Àireamh 102, (Earrach 1978), a' toirt sealladh air dìcheall MhicLeòid:

"Chaidh a' chiad dheich de na pĂŹosan rosg san leabhar bheag thaitneach seo fhoillseachadh an toiseach ann an Alba eadar 1933 agus 1944 agus chaidh na 39 eile fhoillseachadh an Albainn Nuadh an Canada eadar 1950 agus 1971 anns na pĂ ipearan-naidheachd Eastern Chronicle, The Casket agus Cape Breton Mirror."

'S e fÏor mheasgachadh de chuspairean a tha san leabhar, bho Fhearchar a' Ghunna gu DiÚc Tharantum, bòcain, iasgach, naidheachdan air na fineachan Gàidhealach agus beatha agus saothair dhaoine ainmeil.

Chaochail Calum I. M. MacLeòid ann an 1977.

Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lÏn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.

Trending Now