
Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, Ă Flòdaigearraidh san Eilean Sgitheanach, athair, agus b' i Peigi Chaluim StiĂšbhart Ă Ăige, a mhĂ thair. Tha aon phiuthar aige, CairistĂŹona, a tha a' fuireach ann an Cille BhrĂŹghde an Ear.
Chaidh Calum do Sgoil Thornwood airson Ăšine ghoirid ach nuair a thòisich an cogadh chaidh e do Bhun-sgoil Ăige agus thug e trĂŹ bliadhna innte. Thill e air ais gu Sgoil Thornwood an uair sin agus chaidh e gu Ărd-sgoil Hyndland an dèidh sin.
Suas gu 1954 bha e anns an arm, anns an Royal Army Educational Corps, airson Seirbheis NĂ iseanta, stèidhichte airson pĂ irt dhen Ăšine ann an Longniddry, taobh a-muigh DhĂšn Ăideann, agus ann a' Singapore.
An dèidh sin chaidh e a dh'obair do dh'Urras Chluaidh anns an oifis a bh' aca anns an Stòr Ghrà in, ann am Partaig.
Bha e an sin airson faisg air còig bliadhna mus deach e do dh'Oilthigh Ghlaschu, far an do cheumnaich e le M.A.. Chaidh e gu Colaiste Chnoc Iòrdain an uair sin airson trèanadh mar neach-teagaisg.
Thòisich e a' teagasg ann an Sgoil Cranhill agus, an dèidh greis ann an Ărd-sgoil Hillhead, thill e gu Cranhill mar iar-cheannard. Bha e na cheannard airson an dĂ bhliadhna mu dheireadh mus do dhĂšin an sgoil. Gus an do leig a dheth a dhreuchd ann an 1998 bha e ann an Ărd-sgoil Bannerman.
Bha guth seinn a' ruith anns an teaghlach. Bha athair a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais Shaor Duke Street an Glaschu. Bhiodh Eardsaidh agus Eachann, brĂ ithrean athair a' seinn agus bha brĂ thair a mhĂ thar, Aonghas, a' cluich na pĂŹoba.
Thòisich Calum fhèin a' cluiche na pĂŹoba nuair a bha e mu dhusan bliadhna a dh'aois agus bha e a' faighinn teagaisg bho PhĂ draig MacLeòid, pĂŹobaire a sgrĂŹobh puirt ainmeil a bhuineadh do dh'Ăige Leòdhais. Bha PĂ draig a' fuireach air Exeter Drive, an ath shrĂ id ri dachaigh Calum. Nuair a thĂ inig e a-mach Ă s an arm bha Calum ann an Còmhlan PhĂŹobairean an T.A. agus cuideachd ann an Còmhlan PhĂŹobairean Chlann MhicRath.
Chaidh Calum na bhall de Chòisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn mu mheadhan nan trÏ ficheadan. Cha robh e air seinn ann an Gà idhlig ron sin agus gu dearbha nuair a chaidh iarraidh air seinn aig cèilidh aon oidhche 's e The Green Hills of Islay a ghabh e. An dèidh sin, fhuair e cuireadh chun a' Knightswood Cèilidh agus 's ann an uair sin a thòisich e a' cruinneachadh agus ag ionnsachadh òrain Ghà idhlig.
An dèidh cuid de dhuaisean eile a chosnadh na bu trĂ ithe, fhuair Calum Bonn Ăr a' Chomuinn GhĂ idhealaich ann an 1968, aig Mòd DhĂšn Omhain, agus am Bonn Ăr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Pheairt, ann an 1980.
Phòs Calum agus Iseabail NicFhearchair à Earra-Ghà idheal ann an 1977, agus tha triÚir chloinne aca, dithis nighean agus aon ghille. Bidh Iain a' cluich giotà r mar chur-seachad dha fhèin agus bidh Fiona a' seinn aig Mòdan agus tha i ann an Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn mar a tha a pà rantan. Rinn CatrÏona ceum ann an seinn agus dannsa ann an Lunnainn.
Tha Calum dà latha san t-seachdain a' teagaisg Gà idhlig, agus uaireannan òrain, ann an Acadamaidh RÏoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba an Glaschu. Tha e fhathast na bhall de Chòisir Bhaile Ghobhainn agus tha e a' faighinn a-mach chun an raon golf, co-dhiÚ aon uair san t-seachdain.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.