'S iomadh duine, seinneadairean is sgoilearan gu h-à raidh, a tha gu mòr an comain Ceit NicDhòmhnaill, Bean Eardsaidh Raghnaill, à Gearraidh Sheillidh an Uibhist a Deas. Cha bhi fios gu brà th cia mheud òran a b' aithne dhi, ach, nuair a chaochail i air 27 Cèitean 1977, 's i dÏreach seachdainean goirid dhan a' cheithir fichead, bha i air còrr air dà cheud òran a chuir air teip.
Bha an teaghlach dham buineadh Ceit ainmeil a thaobh an eòlais a bha aca air òrain agus air beul-aithris. Mar a thuirt an sgoilear Dòmhnall Eà irdsidh Dòmhnallach, a bha eòlach oirre fhèin agus air a daoine, "She had the good fortune to be born into a family almost incredibly rich in music, in song, in storytelling and in traditional lore of all kinds."
Thog Ceit mòran òrain bho a mà thair, Mòr, nighean Aonghais 'ic Eachainn, Bean NÏll CatrÏona, a bha na boireannach comasach, cumhachdach, a rèir a h-uile iomradh.
B' e brĂ thair a mĂ thar, Aonghas, a dh'innis an seanchas agus na naidheachdan a chaidh fhoillseachadh mar Saoghal an Treabhaiche (Club Leabhar, Inbhir Nis, 1972), The Furrow Behind Me (Birlinn, DĂšn Ăideann, 1977) agus Stories from South Uist (Birlinn, DĂšn Ăideann, 1977)
Bha a h-athair, Niall, na phĂŹobaire, 's bha mĂ thair a h-athar, CatrĂŹona, math air seinn. Le sin tha fhios gum bu dual do Cheit a bhith a' seinn.
Bha eòlas aig Ceit air iomadh seòrsa òran. Sheinneadh i puirt is òrain bleoghainn, agus òrain aig a bheil ceangal ri pÏobaireachd. Bha seann duain aice agus òrain gaoil agus tà laidhean. Ach 's dòcha gur e an à ireamh mhòr de dh'òrain luaidh a bha aice, agus na bha aice de cheathramhan de gach òran air a cuimhne, a dh'fhà g Ceit cho sònraichte thar chà ch.
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu Cheit ann an Tocher, iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Ăireamh 27.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.