
Rugadh Coinneach Moireasdan, Coinneach Ailig Mhurdsaidh ann an Tolastadh bho Thuath air 28 LĂšnasdal, 1941. Bha triĂšir pheathraichean aige, MĂ iri ann an Aimearagaidh, Ina ann an Tolastadh bho Thuath agus Seonag ann an DĂšn Ăideann. Cha robh Coinneach ach na leanabh nuair a chaidh athair a chall nuair a chaidh am bĂ ta air an robh e fodha aig Ă m a chogaidh.
Bha a mhà thair, Mà iri, beò gu aois mhòr agus gu dearbha bha i ag obair gus an robh i ceithir fichead sa ceithir. Bhiodh i ri cosnadh fad a' gheamhraidh a' dèanamh obair-taighe do dh'fheadhainn a bhuineadh do theaghlach Donaldson aig an robh an companaidhean bhà taichean.
Chaidh Coinneach gu Bun-sgoil Tholastaidh agus do Sgoil MhicNeacail. Aon uair 's gu robh a lĂ ithean-sgoile air a chĂšl chaidh e a dh'obair do chompanaidh Ă rachais ann an DĂšn Ăideann mus do ghluais e do Ghlaschu a dh'obair dhan Abbey National.
Chaidh e an uair sin a dh'Inbhir Nis a dh'obair dhan aon chompanaidh airson sia bliadhna mus do thill e a Ghlaschu mu 1978.
Bha dithis gu sònraichte a thug brosnachadh dhà agus a mhisnich e gu seinn. B' iadsan Aonghas MacLeòid, an seinneadair Scalpach, agus Donnchadh MacLeòid à Rà nais, a bha a' fuireach ann an Inbhir Nis, agus a bha aig aon à m ag obair dhan Chomunn Ghà idhealaich.
Chaidh Coinneach dhachaigh à Glaschu a chuideachadh a mhà thair ag Úrachadh an taighe ann an Tolastadh. Bha e ag obair an lÚib a' chompanaidh Nationwide, ann a' Steòrnabhagh.
Phòs Coinneach agus Ceitidh NicDhòmhnaill, Ă Circebost, am BeĂ rnaraigh Leòdhais. Bhuail euslainte e gu math sgiobalta, gun mòran rabhaidh, agus chaochail e air 9 Ăgmhios, 2000, dĂŹreach sia mĂŹosan an dèidh bĂ s a mhĂ thair.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.