
Rugadh Eanraig MacIlleBhĂ in, no Fionn mar a dh'aithnichear e, ann an 1852 ann an Eilean Ăisdeal an Earra-GhĂ idheal, far an robh athair, Iain, na mhanaidsear air na cuaraidhean sglèat. Ghluais Eanraig a Ghlaschu na dhuine òg agus chuir e seachad an còrr dhe bheatha sa bhaile.
Tha sinn a' faighinn sealladh air, anns na bha aig Donnchadh MacCalum ri rà dh mu dheidhinn air prògram Gà idhlig a' BhBC air 15/05/1950:
"Bha Fionn na dhuine fialaidh, còmhstach, coibhneil, daonnan air ghluasad às leth dhaoine eile, air glè bheag buannachd dha fhèin.
An toiseach chaidh e ri clèirsneachd ach cha robh a' chlèirsneachd ach suarach, là mh ris an obair mhòr a rinn e às leth na Gà idhlig, às leth na Gà idhealtachd, a bà rdachd agus a ceòl.
Cha robh a leithid ann a dhèanadh eadar-theangachadh bho Ghà idhlig gu Beurla agus bho Bheurla gu Gà idhlig. Aon obair ghleusda a rinn e, agus b' e sin Achd nan Croitearan eadar-theangachadh bhon Bheurla gu Gà idhlig. Thug e buaidh le onair air gach facal annasach agus cudromach a gheibhear ann an Achd Pà rlamaid. Bha na croitearan fada, fada na chomain."
Bha Fionn fad iomadh bliadhna a' sgrÏobhadh Litir Ghlaschu as an Oban Times agus bha e gu mòr air taobh nan croitearan anns an t-strÏ a bha aca airson còraichean fhaighinn air an fhearann. 'S iomadh facal a sgrÏobh e agus 's iomadh facal a thuirt e, às an leth, rud nach robh cumanta no furasta aig an à m.
Anns a' bhliadhna 1881 nochd a' chiad leabhar bhuaidhe, The Celtic Garland, anns an robh cruinneachadh de dh'òrain, cuid leis fhèin, cuid le daoine eile. Bha cuid de na h-òrain a b' fhasanta aig an à m ann, mar eisimpleir 'The Braes o' Marr', 'My Hielan' Hame', 'Jock o' Hazeldean' agus 'Mary of Argyll', iad air an eadar-theangachadh leis fhèin bho Bheurla gu Gà idhlig.
Bha e sgileil air eadar-theangachadh agus is iomadh seinneadair a bha na chomain nuair a bhiodh iad a' gabhail ann am Beurla 'My Faithful Fair One' agus 'Sad am I and Sorrow Laden' no 'Mo RĂšn Geal DĂŹleas' agus Och nan Och, na Bheil air m' Aire.
Bha cuideachd mu 30 Gaelic Readings anns an leabhar, sgeulachdan à bhachdach le tiotalan mar Taigh Lachainn Fhaoin, Dà Mhinisteir Mhaide, Far Am Bi an Toil Bidh an GnÏomh; Eòghann Ruadh aig a' Mhòd, Turas Phà ruig don Taigh Mhòr; Calum Bodhar agus an t-Uircean agus Am Fear a Ghoid am Muc.
Bha fèill mhòr air The Celtic Garland mar a bha air an ath leabhar a chuir Fionn an clò. B' e seo The Celtic Lyre, a nochd ann an 1898, cruinneachadh de dh'òrain le ceòl san dà chuid staff agus sol fa. B' e seo, am beachd cuid, an cruinneachadh òrain Ghà idhlig a bu shoirbheachail riamh.
Anns a' bhliadhna 1898 chuir Fionn a-mach Leabhar na Cèilidh, sgeulachdan ait agus dà in aighearach.
Mu dheireadh a lĂ ithean thugadh dha peinnsean beag Ă sporan na rĂŹoghachd airson na rinn e Ă s leth na GĂ idhlig. Fhuair Iain a bhrĂ thair a leithid eile air an aon adhbhar. B' esan a thug sĂŹos mòran de na h-òrain aig MĂ iri Mhòr nan Ăran bho a h-aithris fhèin.
Chaochail Eanraig MacIlleBhĂ in air 28 DĂšbhlachd, 1913, 's gun e ach 61. Tha e air adhlacadh anns an Western Necropolis an Glaschu. Chruinnich GĂ idheil bho air feadh an t-saoghail airgead airson leac a chuir os cionn na h-uaigh aige. Air an leac tha sgrĂŹobhte:
"Ghrà dhaich e a' Ghà idhlig agus sgrÏobh e gu h-ealanta i. B' e ghnà ths eòlas air ceòl, bà rdachd agus eachdraidh a chinnidh a chraobh-sgaoileadh, an cÚisean a chòmhnadh is an còraichean a thagradh."
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.