Rugadh Ăideard Pursell, a bhiodh uaireannan a' cleachdadh Ăomhar MacSporain mar ainm pinn, ann an Ceann Loch Chille Chiarain ann an 1891. B' ann bho thaobh Loch Suibhne a thĂ inig a shinnsirean.
Fhuair e fhoghlam an Ărd-sgoil Ceann Loch Chille Chiarain agus an Oilthigh Ghlaschu. Chuir e seachad a' mhòr-chuid de lĂ ithean a' teagasg an Earra-GhĂ idheal far an robh e na cheannard air bun-sgoiltean Dhail an Tobair agus Millknowe.
B' e Gà idhlig ionnsachadh a rinn e agus e na inbheach, ach cha b' fhada gus an robh e a' cosnadh dhuaisean ann a' farpaisean litreachais aig Mòdan.
Choisinn e CrÚn na Bà rdachd ann an 1939, ged nach deach am Mòd sin a chumail ri linn mar a bhris an cogadh a-mach. B' e 'Moladh Mà iri' a bh' air a' bhà rdachd aige:
Ged gheibhinn a ghrĂ idh
Eich shrannach le sriantan òir
No luingeas air sĂ l
Ri m' à ill a ghiÚlan dhomh stòr,
B' e m' ulaidh-s' an rĂšn
Ad shĂšilean gu soilleir a' snĂ mh
A dhĂšisgeas as Ăšr
An ionndrainn chuir m' anam an sĂ s.
Bhiodh e cuideachd ri sgrĂŹobhadh sgeulachdan ann an GĂ idhlig is Beurla agus tha sreath de chartĂšnaichean leis rin lorg anns an iris Gairm, mar a tha bĂ rdachd leithid 'Ărnaigh Leinibh'.
Tha mi lĂšbadh dhut mo ghlĂšin,
Tha mi togail dhut mo shĂšl,
'S fuar a nochd mo leabaidh-lĂ ir,
Tha mi 'g iarraidh nis do ghrĂ idh.
Athair naomh tha coibhneil caomh
CĂ irich mis' nad bhreacan maoth.
Gaoth a' sèideadh thar an fhraoich,
Geugan lom na coill a' caoidh,
Feart nan dĂšl air muir is tĂŹr
Oidhch' gu lĂ cha chaidil mi.
Athair naomh tha coibhneil caomh
CĂ irich mis' nad bhreacan maoth.
Beannaich dhomh mo chainnt, mo ghnĂŹomh,
Beannaich dhomh mo smuain, mo rian,
Na mo dhĂšsgadh, na mo shuain,
Dòirt a-nuas do sholas buan.
Athair naomh tha coibhneil caomh
CĂ irich mis' nad bhreacan maoth.
Còmhla ri Eòghainn Mac a' PhĂŹ sgrĂŹobh Ăideard Pursell ceithir sreathan de phrògraman rèidio 'Learning Gaelic' don BhBC. Air an lĂŹbhrigeadh le Iain Mac Ille na Brataich agus Archie Hendry, chaidh an craobh sgaoileadh eadar 1949 agus 1951, le leabhrain nan cois.
Bhiodh Ăideard cuideachd a' cur fhacail ri puirt pĂŹoba agus fidhill, mar eisimpleir, 'An Fhaidhir Mhuileach' agus Tuireadh Iain Ruaidh.
Chaochail e ann an 1964.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.