B' ann à Torra Calltainn air tuathanas Choir Uanain faisg air a' Ghearastan a bha Eòghann MacLachlainn (1773-1822).
B' e mac breabadair a bh' ann, an còigeamh leanabh de naoi, ach, le taic bho Dhòmhnallach Ghlinne Garadh, fhuair e foghlam an Oilthigh Obar Dheathain, am baile far an do shaothraich e fad a bheatha.
Bha leabhar-lann King's College fo chĂąram airson greis, agus bha e na cheannard-sgoile air an Grammar School of Old Aberdeen.
Bha MacLachlainn foghlaimichte anns na cà nanan clasaigeach ach, cuideachd, bha eòlas farsaing aige air Gà idhlig. A dh'aindeoin 's gu robh e a' fulang le fìor dhroch shlà inte aig amannan, rinn e mòran obair sgoilearachd, air faclair Gà idhlig, air Leabhar Deadhan Lios Mòr agus air là mh-sgrìobhainnean eile.
Bhiodh e ri bĂ rdachd ann an Laideann, an Greugais, an GĂ idhlig agus am Beurla mar a chithear anns an leabhar aige Metrical Effusions a chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1807.
Dh'eadar-theangaich e gu Gà idhlig cuibhreann mòr den Iliad aig Homer agus chaidh sin fhoillseachadh còmhla ri bà rdachd a sgrìobh e mu na rà ithean ann an 1937.
Chaidh an t-sèist agus a' chiad cheathramh den òran Ealaidh Ghaoil (Gur Gile Mo Leannan) a dhèanamh le tè NicChoinnich aig à m nuair a chùm cion slà inte i bho comanachadh ann an Srath Mòr Loch Bhraoin a fhrithealadh. Mar tha i ag rà dh, "Gur bòidheach an comann th' aig coinneamh 'n t-Srath Mhòir".
Ann an Obar Dheathain latha, chuala MacLachlainn oileanaich Ghà idhealach a' seinn an laoidh. Chòrd am fonn ris cho math 's gun do thog e an t-sèist agus a' chiad rann. Rinn e beagan atharrachadh air an dà shreath mu dheireadh den rann sin agus sgrìobh e fhèin na ceathramhan eile.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.