Rugadh Iain MacLeòid, Iain Thormoid Mhòir, aig Croit 6 air ceann a deas Tholastaidh bho Thuath, Leòdhas, ann an 1844. Nuair a bha e na dhuine òg, chaidh e fhèin agus a bhrà thair Uilleam a Chanada, far an robh e na mhiseanairidh airson dà fhichead bliadhna.
Air prògram Gà idhlig a' BhBC air 2/06/1955 thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, e fhèin à Tolastadh bho Thuath:
"Bha cliù air mar dhuine is mar shoisgeulaiche air dà thaobh a' Chuain Siar, ann an Eilean Leòdhais agus an Canada. Bha e urramach na ghluasad, seasmhach na rùn agus dùrachdach na theachdaireachd."
Choinnich Iain ri bhean, Anna NicÌomhair, nighean Ailein Mhòir, à 9 Srà id an Loch am Barabhas, is e ag iasgach ann an Steòrnabhagh. A rèir an leabhar Clachan Crìche, (Comann Eachdraidh Tholastaidh bho Thuath, 2005):
"Bhuail an gaol an dithis gu h-obann air a' chiad sealladh agus thug ise dual fuilt do dh'Iain mus do dhealaich iad. Fhad 's a bha iad ri suirghe, bhiodh Iain gu tric ri coiseachd eadar Tolastadh agus Barabhas. Nam faiceadh e boillsgeadh dhith tron uinneig, no tro thòn an taighe, bhiodh e toilichte gu leòr tilleadh air ais dhachaigh."
Sgrìobh e ann an òran nuair a chaochail Anna:
Mar thein'-adhar a las na speuran
Las i le grà dh mi nach d' rinn mo thrèigsinn
Gun d' rinn am bĂ s e, chan fhaighinn ceum dhi
Thug mi i bho mĂ thair, b' i grĂ dh a ceud-ghin.
Ged grĂ dh an-diugh e, a-mĂ ireach dh'fhalbhadh
Mar shruthan meallta as nach faod thu earbsa
Mar aisling oidhche 's gun chĂ il innt' ach dealbhan
Mar bhoillsgeadh grèine am beul an anmoich.
Nuair a chaochail Anna, thill Iain a Leòdhas is chaidh e a dh'fhuireach còmhla ri Mà iri Bhòidheach, piuthar dha a bha gun phòsadh. Chaochail e ann an 1911, goirid an dèidh dha tilleadh, agus bha iomradh air a bhàs aig Dòmhnall Dòmhnallach:
"Is iongantach mar a bha Iain an latha a chaochail e. Chuir e air aodach Sà baid mar gum biodh e a' falbh don t-searmon agus, mas do laigh e sìos airson a chadal sìorraidh, labhair e na briathran seo:
FĂ ilte! FĂ ilte do lĂ an aoibhneis!
Ceud mile fĂ ilte don lĂ 's don oidhche.
Bidh an t-uan a' deĂ lradh gu brĂ th le soills' ann
'S cha bhi solas grèin ann, no feum a chaoidh air."
Tha Iain MacLeòid air adhlacadh an Cladh Mhìcheil ann an Tolastadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.