
Rugadh Mà iri Chaimbeul anns an t-Srùigh ann a' Srath Ghlais air 14 Dùbhlachd, 1888. B' e geamair a bha na h-athair, Raibeart, a bhuineadh do Ghleann Chanaich agus a bha ainmeil mar phìobaire agus mar sheinneadair.
Nuair a bha i glè òg, ghluais an teaghlach gu bonn Beinn Dronnaig, ann an Atadal ann an Loch Aillse. Tha an dachaigh a bha aca an sin an-duigh air a chleachdadh na bhothan le luchd coiseachd nam beann.
Nuair a bha i naoi bliadhna a dh'aois ghluais iad gu ruige Cill Fhaolain an Ceann Tà ile agus ceithir bliadhna an dèidh sin ghluais iad dhan Dòrnaidh.
Chaidh Mà iri do Sgoil Ghlinn Urchadain agus an dèidh an sgoil fhà gail chaidh i don Normal School airson trèanadh luchd-teagaisg ann an Cowcaddens ann an Glaschu. Nuair a chrìochnaich i a trèanadh fhuair i obair ann a' Foithear, ri taobh Loch Nis. Bha i ag obair ann a' Shotts, faisg air Glaschu, an dèidh sin.
B' ann aig an à m sin a choinnich i agus a phòs i Gavin Hamilton. B' e bancair a bh' ann agus bha an dachaigh aca ann a' Shotts airson greis mus do ghluais iad dhan Chuimrigh.
Bha dithis nighean aca, Seasaidh agus Betty, a rugadh anns a' Chuimrigh, dà bhliadhna mus do thill an teaghlach a dh'Alba. Chaidh iad an toiseach gu Coatbridge agus an dèidh sin gu Tobar na Mà thar, far an robh Mà iri airson an còrr de beatha.
B' i Mà iri bu shine dhan teaghlach. Chaidh a brà ithrean, Uilleam is Dòmhnall, a Chanada. Choisinn brà thair eile, Seumas, Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 1928 agus Beasaidh, a b' òige dhen teaghlach, a' bhliadhna an dèidh sin.
Ged a b' ann aig deas a chuir Mà iri seachad a' mhòr-chuid dhe beatha bhiodh i fhèin agus a' chlann a' tilleadh dhan Dòrnaidh airson sia seachdainnean a h-uile sà mhradh.
Chaochail Mà iri ann an 1953, aig aois trì fichead 's a ceithir, an aon bhliadhna a chaidh a clà radh leis a' BhBC.
Tha sinn an comain Betty Lockhart, nighean Mà iri, ann am Maidens ann an Siorrachd Inbhir Àir, airson an fhiosrachaidh seo.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.