
Chan eil seinneadair 's iongantach aig a bheil Úidh ann an òrain Ghà idhlig nach eil eòlach air an t-ainm aig Mòrag NicLeòid à Scalpaigh na Hearadh, agus cha bheag an à ireamh dhiubh sin a dh'iarr, agus a fhuair, cuideachadh bhuaipe.
Rugadh i air 12 DĂ mhair, 1936, agus chaidh i don sgoil ann an Scalpaigh mus deach i do dh'Acadamaidh RĂŹoghail Inbhir Nis. Ged a cheumnaich i Ă Oilthigh DhĂšn Ăideann ann an 1963, agus ged a fhuair i teisteanas airson teagasg GĂ idhlig agus Bun-sgoil Ă Colaiste Chnoc Iòrdain, 's e an obair anns an robh i an sĂ s fad iomadh bliadhna ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, ann an DĂšn Ăideann, a dh'fhĂ g i cho fĂŹor fhiosrach mu òrain, mu eachdraidh agus mu dhualchas.
Fhuair i a' chiad obair anns an Sgoil ann an 1962, agus a bharrachd air naoi mÏosan ann an 1974-75 a' teagasg an Colaiste Chnoc Iòrdain agus trÏ bliadhna ag obair aig Pròiseact Coimhearsnachd Van Leer anns na h-Eileanan an Iar (1978-81), sin far an robh i gus na leig i dhith a dreuchd.
Bha i a' teagasg oileanaich aig a h-uile Ïre, agus an sàs ann an obair rannsachaidh, a bharrachd air a bhith a' cruinneachadh beul-aithris ann an iomadh ceà rnaidh de dh'Alba. Bha i ag obair còmhla ri luchd-cruinneachaidh beul-aithris agus sgoilearan leithid an t-Urr. Uilleam MacMhathain, Seumas MacEanraig, Dòmhnall Eà rdsaidh Dòmhnallach, an t-Oll. Iain MacAonghais, Ailean Bruford, Peter Cook agus Torquil Knudsen.
Am measg nan seinneadairean ainmeil air an robh i eòlach, bha leithid CairistĂŹona Sheadha Ă s na Hearadh, Alasdair Boidhd Ă s an Ăochdar, Ceit Bochanan, Flòraidh Bhoidhd agus Calum MacIain Ă Barraigh.
Rinn Mòrag mòran airson fiosrachadh mu òrain agus mu dhualchas a sgaoileadh gu daoine taobh a-muigh an oilthigh, tro bhith a' teagasg aig sgoiltean shamhraidh agus aig deireadh sheachdainean ann an iomadh à ite, bho Sabhal Mòr Ostaig gu Colaiste Wansfell an Essex, bho Stockton State College ann an New Jersey gu Colaiste St. Ann's an Ceap Breatainn. 'S iomadh òraid a rinn i aig Mòdan agus Fèisean agus tha artaigilean leatha rin lorg ann an leabhraichean agus irisean. Tha i gu h-à raidh fiosrach mu òrain luaidh, mu thà laidhean, mu sheinn nan salm agus mu òrain na Hearadh.
Thug i deich bliadhna a' teagasg GĂ idhlig aig clasaichean oidhche agus bha i cuideachd na neach-sgrĂšdaidh aig Oilthigh NĂ iseanta na h-Ăireann.
Bhiodh i a' toirt taic don Chomunn GhĂ idhealach le bhith a' cuideachadh a' taghadh òrain airson Mòdan agus, fad grunn bhliadhnaichean, 's i bha an urra ri cuairt bhliadhnail nam bĂ ird, a' cur air dòigh oidhcheannan bĂ rdachd agus ceòl air feadh Alba nuair a thigeadh na h-Ăireannaich agus a' dol còmhla ri bĂ ird, seinneadairean agus luchd-ciĂšil Albannach air chuairt an Ăirinn.
'S iomadh òran agus fonn a sgrÏobh i sÏos airson Tocher, iris na Sgoile air an robh i na neach-deasachaidh, agus 's mòr an obair a rinn i airson an t-sreath chlà ir ainmeil agus fheumail Scottish Tradition fhoillseachadh. Cha ghabh inneas a dhèanamh air an iomadh seòrsa taic a thug i do sheinneadairean thairis air iomadh bliadhna, co-dhiÚ bha iad dÏreach airson òrain ionnsachadh, pà irt a ghabhail ann am farpaisean, no clà ir a dhèanamh. Bu mhòr am beud nach deach barrachd òrain a chlà radh bhuaipe fhèin oir 's e deagh sheinneadair a th' innte.
Tha, agus bha, Mòrag tric a' gabhail pà irt ann am prògraman Gà idhlig a' BhBC air rèidio agus air telebhisean.
Ged a tha i air a dreuchd san Sgoil a leigeil dhith, chan eil i na tà mh. Tha i air ais a' fuireach ann an Scalpaigh agus gu mòr an lÚib coimhearsnachd an eilein.
Copyright Š 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lÏn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lÏn nas Úire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lÏn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as Úire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.