B' ann à Tà bost ann a' sgìre Nis, Leòdhas a bha Murchadh Beag MacIlleMhoire, aon den dithis chloinne a bha aig Anna Choinnich Bhà in bhon a' chiad phòsadh. Rugadh e sa bhliadhna 1898 agus b' e athair mac le Eachainn à Eòradal. Bha aon phiuthar aig Murchadh, Ceit Bheag.
Bha mà thair Mhurchaidh pòsta airson an darna uair aig Fionnlagh Dho'll 'ic Alasdair ach cha robh teaghlach aca.
Bha Murchadh aig muir bho bha e aois cosnaidh, a' falbh 's a' tighinn bhon taigh aig 25 Tà bost. Mar a sgrìobh e anns an t-òran 'Soraidh Leis a' Chaileig Mhaisich':
Nuair a bhios tu na do chadal
Anns an leabaidh fad na h-oidhch'
'S ann bhios mise 'm bà rr nan crannaibh
Cumail faire thar nan tonn.
Ri dol tron a' Bhay of Biscay
Fairge ri briseadh à rd
B' fheà rr an uair sin bhith lem leannan
Muigh air monadh nam beann à rd.
Chaochail Murchadh òg, ann an 1932, 's gun e ach 34.
Nuair a chuir Tormod MacLeòid (Am Bà rd Bochd), a bha a' teagaisg ann an Sgoil Lìonail an Nis agus a bhiodh a' cruinneachadh òrain, na facail aig Òran a' Chiaòra chun an iris Gairm (Àireamh 59, Samhradh, 1967) sgrìobh e:
"Tha aon òran de na rinn e ra chluinntinn, chan ann a-mhà in ann an eileanan na Gà idhlig ach ann an iomadh port air feadh an t-saoghail. Mar a bha an t-òran a' dol bho dhuine gu duine bha atharrachadh ga dhèanamh air cuid de a bhriathran, agus seo e, mar a thog mise e a-mach à leabhran beag là imh-sgrìobhte a dh'fhà g e le òrain eile a rinn e aig a phiuthar a tha ann an Tà bost."
Tha na facail gu h-Ã rd mar a fhuair am BÃ rd Bochd iad.
Anns an leabhar Sheòl Mi 'n-Uiridh, deasaichte le Mà iri Nic a' Ghobhainn (Clà r, 2009), tha e air innse gun do thogadh am bà ta, an Kiaora, ann an 1907.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.