
B' i Peigi Mhoireasdan nighean le Uilleam 'Donn' Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thà inig Uilleam à Srannd, an ceann a deas na Hearadh agus bha a bhean, Mòr, à Miabhaig nam bà gh, air taobh an ear an eilein. Bha na dithis aca nan deagh sheinneadairean.
Bha Peigi agus a piuthar, an seinneadair Cairistìona Sheadha, fiosrach mu eachdraidh, òrain agus dhà in spioradail.
A' sgrìobhadh anns an iris Gairm san t-Earrach 1977, dh'innis Peigi mar a chaidh na daoine fhuadach à baile beag air a' mhachaire Hearach ris an cante Crà go, a cuideachd fhèin nam measg. Bha na taca aig an à m le fear à Ceann Tà ile ris an cante An Stiùbhartach Mor.
"An latha bha seo, 's e latha brèagha samhraidh a bh' ann, agus bha mo shinn-seanmhair agus a' chuibheall shnìomh aice muigh aig an doras agus smùid aice air snìomh an t-snà th airson clò a dhèanamh. Nuair a thog i a sùil dè a chunnaic i ach na saighdearan a' tighinn - 's e na Redcoats a bh' annta – agus bha iad air nochdadh aig à ite ris an canar Cleite na Duchadh, agus iad a' dèanamh oirre.
Nuair a chunnaic na daoine bochda seo, chaidh iad nan cabhaig. Cha robh fhios aca dè a dhèanadh iad, no dè an taobh a thionndaidheadh iad. Cha do rinn mo shinn-seanmhair sìan ach leum a-staigh eadar dà fheannaig choirce leis an eagal a bh' aice romhpa.
Feumaidh gur ann aig deireadh an t-samhraidh a bh' ann oir bha 'n coirce à rd aig an à m agus cha robh fada gus am faca i na taighean a' dol suas nan teine an dèidh dha na daoine bochda cead fhaighinn air pà irt dhan na bha nam broinn a thoirt a-mach asda.
Tha e ri rĂ dh nuair a dh'fhaighnich an StiĂąbhartach dha bhean an robh i lĂ n riaraichte a-nis on a chaidh na daoine fhuadach gun d' thuirt i "No, I shall not be happy while there is one wisp of smoke to be seen between here and Rodel."
Bha Peigi pòsta aig Calum Moireasdan, saor agus fear togail eathraichean agus bha iad deugachadh bhliadhnaichean a' fuireach ann a' Loch na Madadh an Uibhist a Tuath mus do thill iad dha na Hearadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.