Rugadh Peinidh 'Bheag' Mhoireasdan anns an Ìochdar air 27 Giblean, 1906, nighean le Mà iri Anna Sheòrais, Mà iri Anna Mhòr, a bhuineadh don Chlachan Mhòr. Chuir Peinidh seachad a' chuid mhòr de beatha anns a' Bhuaile Dhubh, goirid do sheann sgoil an Ìochdair.
'S e boireannach Ă rd a bh' innte, ged a bha i air a h-ainmeachadh mar Peinidh 'Bheag' chionns gu robh Peinidh eile ann a bha cĂ irdeach dhith ach a bha na bu shine.
Bha cuimhne aig Peinidh a bha sònraichte agus bha à ireamh mhòr de sheann òrain aice air a teanga. Chaidh mòran dhuibh sin a chlà radh le Sgoil Eòlais na h-Alba agus leis a' BhBC.
Bhiodh Peinidh fhèin a' dèanamh òrain cuideachd, gu minig mu thachartasan anns an sgìre. 'S e òrain èibhinn bu trice a bhiodh annta, leithid 'Òran Whist a' Chà rnain' a rinn i mu fharpais chairtean theann a bha eadar bailtean an Ìochdair.
Bha e air a rà dh gun robh comas frìth a dhèanamh aice, comas faicinn dè a bha an dà n.
Bhiodh Peinidh 'Bheag', còmhla ri Ceit NicNeacail (Ceit Phà draig) agus Iain MacLeòid (Iain Ruadh Phà draig), dà sheinneadair ainmeil eile a bha nan nà baidhean dhith, a' frithealadh chèilidhean na sgìre. Bha iad a-mach agus a-steach à taighean a chèile, a' seinn còmhla gun lasachadh.
Bhiodh Peinidh daonnan a' cuideachadh nan nà baidhean le obair fearainn air a' mhachaire agus b' fhìor thoigh leatha a dhol dhan oitir còmhla ri caraidean a thogail shrùbain.
Bha i na ball de bhannal-luaidh anns an Ìochdar agus bha i a' seinn ann an Còisir Eaglais Àird Choinnich. Bha meas mòr oirre air feadh na sgìre, agus chaidh sin a dhearbhadh nuair a chaidh a taghadh seach duine sam bith eile airson Talla Coimhearsnachd ùr an Ìochdair fhosgladh ann an 1978.
Chaochail Peinidh air 13 DĂąbhlachd, 1990.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.