
Rugadh Raghnall MacGillìosa, ann an Leacan Lì, ann am Bà igh na Hearadh, air 22 Ògmhios, 1918. Bha athair, Aonghas MacGillìosa, Aonghas Chaluim Ghilis, à Leacan Lì, agus bha a mhà thar, Anna Mhoireasdan, Anna Raghnaill, à Cuidhinis. B' e Raghnall a b' òige de sheachdnar theaghlach, dithis dhuibh a chaochail nam pà istean. Bha athair agus a mhà thar a' ruith bùth bheag airson greis as an taigh aca ann an Leacan Lì.
Chaidh Raghnall do Bhun-sgoiltean Chaolas Stocanais agus Fhionnasbhaigh. Gu math trà th bha e follaiseach gun robh comas aige mar fhear-gnothaich oir aig aois glè òg bha e a' reic stuthan a-mach à catalog ri muinntir an à ite. Le beagan den chosnadh a rinn e às an sin cheannaich e gramafon, 's dòcha an aon fhear a bh' anns an à ite aig an à m. Cha leigeadh a mhà thair leis a chluich anns an dachaigh agus bhiodh Raghnall a' cur seachad mòran ùine ag èisteachd ri clà ir anns a' bhà thaich.
Bho bha e na bhalach òg bha ùidh aige ann an òrain agus an eachdraidh agus bha cliù aige anns na Hearadh mar dheagh sheinneadair.
Dh'fhà g e na Hearadh airson obair fhaighinn ann an taighean-òsta. Aon uair thog e air à Inbhir Nis airson a dhol a choiseachd a dh'Ulapul airson obair fhaighinn anns an Taigh-òsta Rìoghail. Air an rathad stad cà raid beartach le carbad agus nuair a chuala iad gu robh e a' dol dhan aon taigh-òsta riutha fhèin thug iad dhà còmhdhail. Bha iadsan den bheachd gur e fear de na h-aoighean a bh' ann agus chuir e iongnadh mòr orra nuair a rà inig iad gun deach a thoirt air falbh gu à ite-fuirich an luchd-obrach air cùl an taigh-òsta.
Anns a' chogadh bha e ann an Rèiseamaid na Green Howards. An dèidh a' chogaidh chaidh e a Ghlaschu agus bha e a' ruith taigh-seinnse, Hole in the Wall, anns na Gorbals airson greis.
Thòisich Raghnall an uair sin a' ceannachd thaighean, gan roinn nan à iteachan-fuirich nas lugha, gan cà radh 's gan cuir air dòigh, agus gan reic aig prothaid. Bha taighean aige a-mach air mhà l agus glè thric 's e Gà idheil òga na loidsearan a bh' aige.
Aig an aon à m bhiodh e a' siubhal margaidhean-roup Ghlaschu oir bha ùidh aige ann a bhith a' ceannachd agus a' reic à irneis taighe agus uidheaman dealain, a' dèanamh na b' urrainn dha de chà radh is sgeadachadh orra e fhèin, agus a' fà gail an còrr aig luchd-ceà ird. Bha e ris an obair seo suas gu faisg air deireadh a là ithean.
Bha e cho trang ag obair 's nach do rinn e mòran seinn, air à rd-ùrlar co-dhiù, gus an robh e còrr air trì fichead. Thòisich e an uair sin a' dol a-steach airson co-fharpaisean seinn san t-Seann Nòs aig a' Mhòd Nà iseanta agus choisinn e am Bonn Òir aig Mòd Àrd Ruighe, ann an 1993, aig aois 75.
Chaochail Raghnall, gu h-aithghearr, air 18 Ă’gmhios, 2005, aig aois 86, agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Losgaintir, 's na Hearadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.