Rugadh an t-Oll. Seumas Grannd ann an ospadal Bhaile nan Granndach air 26 Dà mhair, 1950. Bha dachaigh athair, Uilleam Granndach, agus a mhà thar, Catrìona Mà iri Headrington, ann a Rat Mhurchais, faisg air an Aghaidh Mhòr, far a bheil Seumas agus a bhean, Alison, a' fuireach an-diugh. Ged a b' ann am Brechin a bha athair agus a mhà thar air an togail, bha an cuideachd bho thùs à sgìrean Obar Neithich agus Rat Mhurchais. Bha am far-ainm "Saighdeir" a' ruith ann an teaghlach athair, oir bha sinn-sinn-sinn-seanair Sheumais na shaighdeir aig Blà r Waterloo.
'S aig a shinn-sheanmhair a chuala Seumas Gà idhlig airson a' chiad uair agus nuair a bha e fhèin na dheugaire chaidh e timcheall seann daoine na sgìre a bha fileanta sa chà nan airson a' Ghà idhig sin ionnsachadh bhuapa. An-diugh tha Seumas fileanta agus na eòlaiche air Gà idhlig Srath Spè.
Chaidh Seumas do Bhun-sgoil Rat Mhurchais agus do dh'Àrd-sgoil Chinn a' Ghiùthsaich mus deach e gu Oilthigh Obar Dheathain, far an tug e a-mach ceum ann an Ceiltis. An dèidh sin rinn e ceum ann am foghlam ann an Oilthigh Ghlaschu agus fhuair e teisteanas teagaisg bho Cholaiste Chnoc Iòrdain. Ann an 1983 thill e gu Oilthigh Obar Dheathain a theagasg ann an Roinn na Gà idhlig, obair a rinn e airson 21 bliadhna. Ann an 1988 chuir e crìoch air PhD a bha a' dèanamh coimeas eadar Gà idhlig Ìle agus Gà idhlig sgìrean eile ann an Earra-Ghà idheal.
Phòs Seumas agus an t-Oll. Alison Diack, à Obar Dheathain, ann an 2004 agus tha aon nighean aca, Mà iri. Tha Seumas a-nise ag obair do Bhòrd na Turasachd, a' teagasg clasaichean-oidhche agus a' teagaisg às leth Sabhal Mòr Ostaig.
Chan eil Seumas a' seinn cho tric an-diugh agus a b' à bhaist dha ach chlà r e an t-òran Guma Slà n do na Fearaibh dhan BhBC ri taobh uaigh a' bhà ird, Dòmhnall Phà il, ann an Cladh Chinn a' Ghiùthsaich.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.