Welcome to My Bitesize, let's get you set up!

Add your subjects to find the right study guides, track progress and keep everything in one place.

Add my subjects
My Subjects

Caistealan agus cogadh

Part of Cuspairean SòisealtaCaistealan

Caisteal Shruighlea, Siorrachd Shruighlea, Alba
Image caption,
Ballachan làidir, tùir, tuill-losgaidh agus drochaidean-togail. Bha sin a' cuideachadh daoine a chumail sàbhailte ann an caistealan mar Caisteal Shruighlea.

Chaidh caistealan a thogail airson uaislean na h-Alba a chumail sàbhailte. Bho shàbhailteachd nan caistealan mòra aca, bha na h-uaislean a' riaghladh an fhearainn a dh'iarr Rìgh Alba orra coimhead às a dhèidh.

An dràsta 's a-rithist, bhiodh na caistealan aca fo ionnsaigh. Mar sin bha aig luchd-togail nan caistealan ri smaoineachadh air dòighean ùra air na caistealan a dhèanamh nas làidire agus nas sàbhailte.

A' toirt ionnsaigh air caisteal agus a' dìon caisteal, 1100–1500

Bha aig luchd-togail nan caistealan ri smaoineachadh air dòighean ùra air daoine a chumail sàbhailte anns na caistealan.

Dh'innlich iad rudan mar baidealan agus drochaidean-togail airson sin a dhèanamh.

Bha aig luchd-ionnsaigh nan caistealan air smaoineachadh air dòighean ùra airson a' chùis a dhèanamh air na caistealan.

Faigh a-mach barrachd mu bhith a' toirt ionnsaigh air caisteal agus ga dhìon an seo.

Beatha fo shèist, 1304

B' e sèist nuair a chuairticheadh nàmhaid caisteal gus nach faigheadh duine air teiche agus nach faigheadh biadh a-steach dhan chaisteal.

Bha sin a' dèanamh am beatha gu math doirbh dha na daoine a bha a' dìon a' chaisteil.

Bhiodh buill-airm shònraichte airson sèist mar trebuchets aig nàimhdean airson ionnsaigh a thoirt air a' chaisteal.

Faigh a-mach barrachd mu bheatha ann an caisteal fo shèist an seo.

Caistealan aig àm an Dara Cogaidh, 1939–1945

An dèidh dhan an canan a bhith air innleachadh, sguir daoine a chleachdadh chaistealan airson cogadh. Cha robh iad làidir gu leòr an aghaidh bhuill-airm cho cumhachdach.

Ach bha cuid de chaistealan ann an Alba feumail a-rithist aig àm A' Chiad Chogaidh agus An Dara Cogaidh.

Faigh a-mach mar a bha caistealan air an cleachdadh aig àm an Dara Cogaidh.

Trending Now