Dè bh' ann ro chaistealan?

Part of Cuspairean SòisealtaCaistealan

Mus robh caistealan ann an Alba, bhiodh daoine a' togail fhasgaidhean airson iad fhèin agus na bh' aca a chumail blàth, tioram agus sàbhailte bho ionnsaighean.

Faigh a-mach dè na togalaichean a bh' ann an Alba ro chaistealan.

Canaidh sinn daingnichean ris na togalaichean tràth sin. 'S e togalach, no balla no feansa a th' ann an daingneach. Tha e airson daoine agus àiteachan a chumail sàbhailte bho ionnsaigh.

Thoir sùil air an taisbeanadh agus chì thu diofar dhaingnich air feadh Alba.

Daingnichean tràth

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Taigh cruinn, Taigh cruinn Tha an taigh seo cruinn le mullach tughaidh. Tha na ballachan de stuth ionadail.

Ged a tha na daingnichean sin gu math sean, chì thu fhathast fianais air far an robh iad agus cò ris a bha iad coltach.

Thoir sùil air an taisbeanadh. Feuch ri coimeas a dhèanamh eadar na tobhtaichean a chì thu an-diugh agus mar a bhiodh iad o chionn ceudan no mìltean bhliadhnaichean.

Daingnichean tràth ann an Alba

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Taigh cruinn a chaidh a lorg san talamh ann an Skara Brae, Arcaibh, Taigh cruinn aig Skara Brae Chaidh seann taighean cruinn a lorg san talamh aig Skara Brae ann an Arcaibh. Tha iad mu 5000 bliadhna a dh'aois ach chì thu fhathast cuid dhen àirneis agus far am biodh an teine aca.
Trending Now