
An Canan Iain A Mac aâ Bhreatannaich 2000
Seirbheis Ă tasglann a BhBC bho 2000 còmhla ris a Chanan Iain Aonghas Mac aâ Bhreatannaich (nach maireann).
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
âDi Do Bheathaâ agus âLaoidh Chaluim Chilleâ le Còisir Eaglais Naomh Peadair.
âSe ân Tighearna mo Bhuachaillââ le Criosaidh NicDhòmhnaill
Leughaidhean: Hosea 2: 14-15 & 19-20
Marc 3: 18-22
Rugadh Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich neo 'an Canan' mar a b' fheĂ rr a dhâaithnichear e, ann am baile Bhrèibhig ann am Barraigh ann an 1945. Ghluais an teaghlach aige dhan Ăban nuair a bha e gu math òg. Bâ ann Ă s dèidh sin âs gun e ach dusan bliadhna a dhâaois a dhâfhairich e ann fhèin gun robh ceangal daingeann agus lĂ idir aige ris an eaglais agus ri chreideamh agus cha robh fada gus an deach e a dhâionnsaigh dreuchd na sagartachd.
Ăs dèidh dreuchd sagairt a thoirt a-mach anns a' Ghiblean 1971, chuireadh e gu paraiste Naomh Peadair ann an Dalabrog na shagart-cuideachaidh agus âs ann san dearbh pharaiste a chrĂŹochnaich e na lĂ ithean mu dheireadh dha bheatha. A bharrachd air paraiste Dhalabroig, bha e cuideachd na shagart ann an sgĂŹrean eile leithid Ceann Loch Chille Chiarain agus an t-Ăban.
Bha an Canan Iain Aonghas daingeann na chreideamh. Bha e airson daoine a thĂ ladh air ais dha na h-eaglaisean agus rinn e obair mhòr ann a bhith dèanamh sin. Bha urram aig daoine dha, sean is òg, agus bha sin gu math follaiseach bhon Ă ireamh dhaoine a thĂ inig chun na seirbheisean a chaidh a chumail ann an Glaschu, san Ăban agus an Uibhist nuair a bhĂ saich e gu h-obann ann an 2006.
Bha Ăšidh mhòr aig a' ChĂ nan anns aâ GhĂ idhlig agus ann an cultar agus dualchas na sgĂŹrean is e an còmhnaidh deònach pĂ irt a ghabhail agus taic a thoirt do phròiseactan, seirbheisean agus prògraman GĂ idhlig. Bha Ăšidh aige as aâ choimhearsnachd a bha e aâ frithealadh, agus e an còmhnaidh aâ toirt taic agus aâ feuchainn ris a' chĂ nan agus an cultar a ghleidheadh. Chruinnich e na h-Ăšrnaighean anns aâ GhĂ idhlig agus tha iad a-nis rim faighinn air lĂ rach-lĂŹn na sgĂŹr-easbaig mar chuimhneachan air. Bidh cuimhne aig daoine air airson an strĂŹ agus an taic a thug e dhan choimhearsnachd aige fhèin nuair a bhathar a' feuchainn ri seirbheisean a ghleidheadh ann an Ospadal Dhalabroig agus foghlam aig Ă rd-ĂŹre a ghleidheadh san Ă rd-sgoil anns a' sgĂŹre.
On radio
An Canan Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich

Broadcasts
- Sun 30 Jan 201121:00BBC Radio nan GĂ idheal
- Sun 8 Jul 201821:00BBC Radio nan GĂ idheal
- Sun 28 Aug 202221:00BBC Radio nan GĂ idheal
- Tomorrow21:00BBC Radio nan GĂ idheal