Dèanamaid Adhradh Tasglann
An t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn a' comharrachadh 30 bliadhna bho thĂ inig Cogadh na h-Eileanan FĂ clannach gu crĂŹch. Service to commemorate 30 years since the Falklands War ended.
Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo tha sinn a' cuimhneachadh air an Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn a bhà saich san DÚbhlachd an-uiridh. Cluinnidh sibh seirbheis a chaidh a chlà radh còmhla ris ann an 2012 a' cuimhneachadh deich bliadhna fichead bho thà inig cogadh na h-Eileanan Fà clannach gu crÏch nuair a bha e na mhinistear airm.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus os cionn na seinn tha an t-Urramach Raghnall Moireasdan le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Còisir Eaglais Naomh Moire ann am Beinn na Faoghla a' seinn Laoidh Chaluim Chille.
Còisir Ghà idhlig Ileach Ghlaschu a' seinn an laoidh 'S e RÏgh a' Ghrà idh mo Bhuachaille.
Seumas Greumach a' seinn Nam Aonar le Mo Smuaintean.
Leughadh:
Salm 27: 1-6 & 13 & 14 & Lucas 14: 31-33
Ceann teagaisg:
Lucas 14: 31-33
BhĂ saich an t-Urramach Aonghas Mac a' Ghobhainn air 16 DĂšbhlachd 2025.
Chuir Mgr Mac a' Ghobhainn seachad a' chuid bu mhotha de mhinistrealachd san airm. Bha e a' frithealadh rèisimeidean leithid Rèisimeid na Banrigh anns a' Ghearmailt, Ăirinn a Tuath, agus sna h-Eileanan FĂ clannach agus bha e cuideachd na thaic aig rèisimeidean air feadh na dĂšthcha eadar Sasann is Alba. Bho Ă m gu Ă m bhiodh e a' dol còmhla ri seann saighdearan agus bhiodh e os cionn seirbheisean cuimhneachaidh anns an Fhraing agus Ă iteachan eile. Dh'fhĂ g e an t-arm san LĂšnastal 1991.
'S ann do sgĂŹre Cheòis air na Lochan ann an Leòdhas a bhuineadh Mgr Mac a' Ghobhainn. Chaidh e gu Bun-sgoil Chnoc Iain Duibh, Ărd-sgoil MhicNeacail agus gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain.
Chaidh a phòsadh ri clèir Uibhist agus bha e a' frithealadh coitheanal Bheinn na Faoghla, far an robh e cuideachd na mhinistear aig ionad an airm, mas deach e a fhrithealadh rèisimeidean thall 's a bhos chun LÚnastal 1991.
MÏos às dèidh dha an t-arm fhà gail thòisich Mgr Mac a' Ghobhainn na mhinistear-cuideachaidh aig gnÏomhachas na h-ola far an robh e stèidhichte ann an Obar Dheathain. Bha an obair aige mar mhinistear-cuideachaidh ga thoirt a-mach gu cruinn-ola sa Chuan a Tuath agus ann am Bà gh Poll a' GhrÚthain a latha agus a dh'oidhche. 'S iomadh Nollaig a chuir e seachad air clà r-ola ann an droch thÏde còmhla ris an luchd-obrach. Bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd anns a' Mhà irt 2006.
Ăs dèidh a dhreuchd a leigeil dheth bha Mgr Mac a' Ghobhainn a' fuireach ann an DĂšn Ăideann, ach bha obair na ministrealachd fhathast ga chumail trang eadar a bhith a' searmonachadh anns a' GhĂ idhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an DĂšn Ăideann agus a' dèanamh sheirbheisean fhathast airson an airm agus a' toirt taic dhaibhsan a tha air fulang air sgĂ th a bhith san arm, neo a tha air buill dhen teaghlaichean a chall ri linn 's gun robh iad anns an arm.
Nuair a bhiodh Úine aige dha fhèin bhiodh e a' cur seachad tòrr Úine còmhla ri theaghlach - bha ceathrar mhic aige fhèin 's a bhean, Seonag. Bhiodh e cuideachd a' cur seachad tòrr Úine a' leughadh - gu h-à raidh leabhraichean air diadhachd - a' tadhal air an leabharlann agus ann an ionadan ealain. Bha Úidh mhòr aige ann an ceòl bho phuirt-a-beul gu ceòl clasaigeach agus, a bharrachd air an sin, bha e a' còrdadh ris a bhith a' tadhal air eaglaisean, a' sreap bheanntan agus a' cumail sÚil air a' mhuir.
Last on
Broadcasts
- Sun 17 Jun 201209:00BBC Radio nan GĂ idheal
- Sun 17 Jun 201215:00BBC Radio nan GĂ idheal
- Sun 11 Jan 202621:00BBC Radio nan GĂ idheal
