Còmhla ri Mgr Iain P MacFhionghuin
Seirbheis còmhla ri Mgr Iain P MacFhionghuin, Eaglais Reul na Mara, Bà gh a' Chaisteil, Barraigh. Gaelic service with Fr John P MacKinnon, Our Lady Star of the Sea, Castlebay.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Barr a’ seinn A Thighearna Dhia, A Thighearna Seall Dhomh do Dhòighean agus Seinnibh don Tighearna
Anna Nic na Ceà rdaich a’ seinn Dhìt Pileat Gu Bàs Thu
Sgoilearan Sgoil Lionacleit a’ seinn Tha sinn seasamh aig an t-Soisgeul
Còisir Eaglais Naomh Peadair a’ seinn An Crann Ceusaidh
Leughaidhean:
A’ chiad leughadh: Isaiah 50: 4-7
An dà rna leughadh: Philipianaich 2: 6-11
Soisgeul: Mata 21: 1-11
Rugadh Mgr Iain Pòl ann an Dalabrog an Uibhist a Deas agus chaidh a thogail san sgìre sin gus an robh e 18. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil Dhalabroig agus ann an Sgoil Lionacleit.
Bha ùidh riamh aige ann an obair na sagartachd agus bhiodh e a' cur seachad tòrr ùine an sàs ann an gnothaichean na h-eaglaise na òige. Aig 18, rinn e co-dhùnadh gur e seo an t-slighe a bha e airson a leantainn agus chaidh e do Cholaiste Rìoghail na Sagartachd ann an Salamanca san Spà inn airson trèanadh. Bha Mgr Iain Pòl 7 bliadhna san Spà inn mus tà inig e a-mach na shagart air 24 Ògmhios 1999, agus ghabh e a bhòidean san eaglais far an deach a thogail, Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog.
Bha Mgr Iain Pòl stèidhichte aig Eaglais Naomh Moire ann am Beinn a' Bhaoghla airson a' chiad 7 mìosan agus chaidh an uairsin a ghluasad gu Eaglais Naomh Mun ann an Dùn Omhain na shagart-cuideachaidh. Às dèidh 2 bhliadhna, chaidh a chuir na shagart paraiste air Eaglais Naomh Moire agus Calum Cille ann an Ceann a' Ghiùthsaich agus cuideachd a' frithealadh pharaistean an Aghaidh Mhòir agus Bhail' Ùr nan Granndach. Chur e seachad ùine cuideachd na shagart paraiste ann am Bail' a' Chaolais mus deach a ghluasad a Bhà gh a' Chaisteil. Tha Mgr Iain Pòl an-diugh a' coimhead às dèidh na paraistean air fad a th' aig an eaglais ann am Barraigh.
Nuair a gheibh Mgr Iain Pol ùine dha fhèin, 's toil leis a bhith a' cluich golf, a' leughadh, ag èisteachd ri ceòl, agus a' coimhead ball-coise. Tha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh, dualchas, biadh agus fìon na Spà inne.
Last on
Broadcasts
- Sun 2 Apr 202321:00BBC Radio nan GÃ idheal
- Last Sunday21:00BBC Radio nan GÃ idheal
