Hiort
Fred MacAmhlaigh a' tarraing Ă tobar an dualchais an tasglann a' BhBC ann an 1987. Fred MacAulay explores the rich folklore recorded by the BBC in the islands and Canada in 1987.
Aig toiseach na bliadhna bha sinn a' comharrachadh ceud bliadhna bha rugadh Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhà in a' Mhullaich - sà r chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canà in, bà rd agus, as cionn a h-uile cà il tha sin, fear de mhuinntir Sholais, an Uibhist a Tuath.
A seo tha sinn a' toirt thugaibh sreath phrògraman a rinn e trà th ann an 1987 agus e a' dol dhan tasglann aig Roinn na Gà idhlig aig a' BhBC agus a' taghadh neamhnaidean prìseil à s. A seo 's ann air Hiort a tha a shùil.
Ann an 1971 thill Lachlainn Dòmhnallach a Hiort airson a' chiad uair an dèidh dha an t-eilean fhà gail ann an 1930 nuair a dh'fhà g an sluagh gu lèir an eilean. Cluinnidh sinn an còmhradh a bh' aig Fred leis fhads a bha iad air an eilean.
Ann an aon de na clà raidhean as sine a th' againn ann an Gà idhlig aig a' BhBC, tha Dòmhnall Iain Fearghasdan ag innse mar a thà inig bà t'-aigeil Gearmailteach a-steach a Bhà gh Hiort aig toiseach a' Chiad Chogaidh agus a chuir i às dhan stèisean rèidio a bh' aca a sin. Chaidh a chlà radh ann an 1937.
Agus gheibh sinn criomag den chòmhradh a chlà r chlà r Fionnlagh J Dòmhnallach ann an 1949 còmhla ri Anna NicIllÌosa a bha air Hiort fhà gail ann an 1930 agus air a dhol a dh'fhuireach dhan Mhorbhairne.
Cuinnidh sinn cuideachd 'Tuireadh nan Hiortach', 'Mo ghaol Ă’igfhear a' ChĂąil Duinn' agus 'Cleite GĂ daig'.
Last on
Broadcasts
- Mon 29 Dec 202515:30BBC Radio nan GĂ idheal
- New Year's Day 202621:30BBC Radio nan GĂ idheal
- Sun 4 Jan 202610:00BBC Radio nan GĂ idheal
